CBI a' clàradh gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd
- Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais, an CBI, a tha a' riochdachadh mòran ghnìomhachasan mòra, air iad fhèin a chlàradh le Coimisean an Taghaidh mar bhuidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Thuirt an CBI gu bheilear ag iarraidh gum fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.
Bidh e ceadaichte dhaibh suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.
Bidh 16 seachdainean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.
Cron
Tha beachd am measg luchd-taic neo-eisimeileachd gun toir seo air cuid de bhuill fàgail, 's gun deàn e cron air cliù na buidhne.
Tha a' bhuidheann Business for Scotland, a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd, a' cur teagamh ann an dè cho mòr 's a tha an CBI a' riochdachadh beachd ballrachd na buidhne.
Tha an CBI a' riochdachadh mu 240,000 gnìomhachas anns an Rìoghachd Aonaichte.
Gu h-eachdraidheil, chan eil a' bhuidheann air a bhith air an aon ràmh ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Thuirt iad roimhe gu bheilear iomgaineach mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig neo-eisimeileachd air prìomh roinnean eaconamach na h-Alba - nam measg, dìon, seirbheisean ionmhais, cumhachd, biadh is deoch, agus foghlam aig àrd ìre.
Thuirt an CBI gu bheil mì-chinnt ann cuideachd mu shiostam airgid agus àite Alba neo-eisimeileach anns an Aonadh Eòrpach.
Gu tur ceàrr
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh an CBI "gu tur ceàrr", nach robh iad a' dèanamh dealbh ceart de dh'eaconamaidh na h-Alba agus gum biodh Alba am measg nan dùthchannan as beartaiche san t-saoghal.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon: "Rinn an CBI na h-aon argamaidean an aghaidh fèin-riaghlaidh, agus chaidh dearbhadh gun robh na h-argamaidean sin gu tur agus gu lèir ceàrr."
Tha an CBI, air a' stiùireadh an Alba le Iain Mac a' Mhaoilein, air grunn cheistean a chur air Riaghaltas na h-Alba mu am planaichean airson Alba neo-eisimeileach.
A' co-dhùnadh nach robh na freagairtean a fhuair iad soilleir gu leòr, chuir iad an taic ri bhith a' fuireach san Aonadh.
Tha a' bhuidheann Business for Scotland ge-tà, a' ceasnachadh dè cho mòr 's a tha an CBI a' riochdachadh beachd ballrachd na buidhne.
Tha iad cuideachd teagmhach gun deach co-chomhairleachadh sam bith a dhèanamh le na buill.
Oidhirp èiginneach
Chan eil an liosta de bhuill an CBI ri fhaighinn gu poblach, ach tha e coltach gu bheil buidhnean agus oilthighean bhon roinn phoblach na lùib.
Bheachdaich Business for Scotland, a tha iad fhèin an dùil clàradh le Coimisean an Taghaidh, gum biodh gnìomhachasan a dh'fheumas a bhith neo-phàirteach fo uallach, leis gum biodh ceangal eadar iad fhèin agus an CBI - buidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Thathar cuideachd a' cumail a-mach gu bheil a' mhòr-chuid de bhuill an CBI neo-phàirteach a thaobh an referendum.
Thuirt Gòrdan MacIntyre-Kemp bhon bhuidheann Business for Scotland: "Bidh gnìomhachasan ann an suidheachadh duilich, agus bidh aca ri co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù a bheil iad airson am ballrachd san CBI a ghleidheadh."
Thuirt e gur e a bha seo ach "oidhirp èiginneach" bho luchd-taic an Aonaidh gus taic-airgid fhaighinn bhon CBI.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 Am Màrt 2014