Luchd-smàlaidh a' strì ri teine
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air luchd-còmhnaidh Mhuilinn an Leigheis fuireach am broinn an taighe air sgàth 's an uiread de cheò a tha a' tighinn bhon teine.
Tha luchd-smàlaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine mòr air iomall Inbhir Nis.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm goirid ro 3.00f Dihaoine, an dèidh mar a thòisich teine aig Coille Bogbain, ann an sgìre Mhuilinn an Leigheis.
Tha ceithir einseanan-smàlaidh agus mu 20 luchd-smalaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an teine agus dragh ann gum faodadh dachaighean a tha faisg air làimh a bhith ann an cunnart.
Tha na Poilis ag iarraidh air daoine fuireach air falbh bhon sgìre aig an àm seo.
Tha ceithir einseanan-smàlaidh agus mu 20 luchd-smalaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an teine.
Chaidh iarraidh cuideach air luchd-còmhnaidh Mhuilinn an Leigheis fuireach am broinn an taighe air sgàth 's an uiread de cheò a tha a' tighinn bhon teine.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh