Tubaist rathaid anns an Eilean Sgitheanach

Bhàsaich fear le motor-baidhsagal ann an tubaist anns an Eilean Sgitheanach Là na Sàbaid.

Thachair an tubaist air an A87 faisg air Loch Aineort mu 9.40m, agus tha dùil nach robh ach an aon charbad an sàs ann.

Dhearbh na poilis gun do bhàsaich an duine, a bha 33, aig làrach na tubaist.

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iadsan a' dèiligeadh ri barrachd dhroch thubaistean le luchd motor-baidhsagal na tha roinn sam bith eile den t-seirbheis ann an Alba.

Chaill 12 duine le motor-baidhsagal am beatha ann an tubaistean anns an sgìre eadar 2012 agus 2013.