Luchd-canù air am faighinn slàn sàbhailte

Air fhoillseachadh

Chaidh dithis a bh' ann an èiginn ann an canù far Taobh Siar Rois fhaighinn slàn sàbhailte.

Bha bàt'-aiseig Leòdhais, an MV Isle of Lewis am measg an fheadhainn a rinn cobhair orra, cuide ri bàta-teasairginn Loch an Inbhir agus Maor-Cladaich Steòrnabhaigh.

Chaidh an dithis fhaighinn mu dheireadh faisg air Meallan Udrigill, air taobh siar Bàgh Ghruinard.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach dàil de 35 mionaidean a chur air an Isle Lewis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh