Oilthighean Albannach air an CBI fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Postair CBITùs an deilbh, CBI
Fo-thiotal an deilbh,
Tha trì companaidhean agus dà bhuidheann riaghaltais air cùl a chur ris a' bhuidheann thar nam beagan làithean a chaidh seachad.

Tha Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain air Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais, an CBI, fhàgail.

Tha seo a' tighinn an dèidh dhan bhuidheann innse gu bheilear air clàradh le Coimisiean an Taghaidh mar bhuidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil Oilthigh Dhùn Eideann air a' bhuidheann fhàgail cuideachd.

Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Ghlaschu nach eilear a' gabhail taobh-seach-taobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt iad gum feumadh iad am ballrachd a leigeil dhiubh airson cothromachd a chumail aig ìre.

Tha trì companaidhean agus dà bhuidheann riaghaltais air cùl a chur ris a' bhuidheann thar nam beagan làithean a chaidh seachad.

Argamaid

A rèir Àrd-Stiùiriche an CBI, John Cridland, cha robh roghainn eile aca ach taic a chur ris an iomairt gus Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis Mgr Cridland dhan BhBC nach eil esan den bheachd gun deach argamaid cheart eaconomaigeach fhathast a dhèanamh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Thuirt e nach eil a' bhuidheann a' feuchainn ri buaidh a thoirt air dè an taobh a bhòtas daoine anns an referendum.

Thuirt neach-labhairt bho dh'Oilthigh Ghlasch: "Mar bhuidheann stèidhichte, tha sinne gu tur neo-phàirteach anns an deasbad mu neo-eisimileachd na h-Alba.

"Tha sinn air beachdachadh gu cùramach air co-dhùnadh an CBI iad fhèin a chlàradh le Coimisean an Taghaidh, agus tha sinn air co-dhùnadh, gus a bhith cothromach, gum feum sinn ar ballrachd a leigeil seachad as a' bhad."

Fàgail

Thairis air an deireadh-sheachdain, dh'fhàg Scottish Enterprise, VisitScotland a' bhuidheann chraolaidh STV an CBI.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e gu math follaiseach nach urrainn do bhuidheann a bhuineas dhan Riaghaltas fuireach anns an CBI.

Le bhith a' clàradh le Coimisean an Taghaidh, bidh e ceadaichte dhan CBI suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.

Bidh 16 seachdainean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.

An dèidh co-dhùnadh na buidhne, dh'innis na companaidhean Albannach Aquamarine Power agus Buidheann Chùraim Balhousie gun robh iadsan cuideachd a' fàgail an CBI, a tha a' riochdachadh 240,000 gnìomhachas anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chan eil fhios le cinnt cia mheud gnìomhachas a thathar a' riochdachadh ann an Alba, ged a tha a' bhuidheann Business for Scotland air a ràdh gur e "80 ball aig a' char as motha".

Duilich

Thuirt a' bhuidheann craolaidh STV gun robh riaghaltean a thaobh neo-phàirteachd a' ciallachadh nach robh roghainn eile aca ach am ballrachd a leigeil seachad.

Thuirt Mgr Cridland gu bheil an CBI duilich gu bheil cuid den bhallrachd airson a' bhuidheann fhàgail.

Thuirt e: "Tha ball sam bith a bhith a' fàgail na adhbhar duilichinne dhomhsa. Ach tuigidh mi gu bheil farsaingeachd de bheachdan ag daoine.

"Cha do dh'atharraich càil air an deireadh-sheachdain a thaobh suidheachadh an CBI air a' chùis. An aon rud a dh'atharraich 's e gun do cho-dhùin sinne, airson adhbharan gèillidh, gun feumadh sinn clàradh gus a bhith air an taobh cheart de na riaghailtean," thuirt Mgr Cridland.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh