Fear a bhàsaich san Eilean Sgitheanach air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis air fireannach a chaochail às dèidh tubaist-rathaid san Eilean Sgitheanach Là na Sàbaid ainmeachadh.
B' esan Alexander Kenneth Brown, a bha 33, agus a bhuineadh do sgìre Shawlands ann an Glaschu.
Thachair an tubaist air an A87 faisg air Loch Aineort mu 9.40m, agus dhearbh na poilis gun do bhàsaich am fear-motor-baidhsagal aig làrach na tubaist.
Chaidh rannsachadh tubaist a dhèanamh agus chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 An Giblean 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh