Tuilleadh bhuidhnean Albannach air an CBI fhàgail
- Air fhoillseachadh

Tha seachd buidhnean eile air tarraing a-mach à Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais ann an Alba.
Tha seo a' tighinn an dèidh dhan bhuidhinn innse gu bheilear air clàradh le Coimisiean an Taghaidh mar bhuidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Thuirt Comann Lagh na h-Alba nach b' urrainn dhaibhsan, a thaobh cothromachd, fuireach anns an CBI.
Tha Oilthighean Srath Chluaidh agus Chailleannach ann an Glaschu, Oilthigh Dhùn Dèagh, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA) agus a' bhuidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) cuideachd air a' bhuidhinn fhàgail.
Bha Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Obar Dheathain air a' bhuidheann fhàgail roimhe.
Cothromachd
Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Ghlaschu nach eilear a' gabhail taobh-seach-taobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.
Thuirt iad gum feumadh iad am ballrachd a leigeil dhiubh airson "cothromachd a chumail aig ìre".
Thuirt labhraiche bho Oilthigh Obar Dheathain nach biodh e iomchaidh dhaibh leantainn orra anns an CBI, le Oilthigh Dhùn Èideann airson a bhith "gu tur neo-phàirteach".
A thuilleadh air na h-oilthighean, tha trì companaidhean agus dà bhuidhinn riaghaltais air cùl a chur ris a' bhuidhinn thar a' bheagan làithean a chaidh seachad.
A rèir Àrd-Stiùiriche an CBI, John Cridland, cha robh roghainn eile aca ach taic a chur ris an iomairt gus Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte.
Argamaid
Dh'innis Mgr Cridland dhan BhBC nach eil esan den bheachd gun deach argamaid cheart eaconamach fhathast a dhèanamh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Thuirt e nach eil a' bhuidheann a' feuchainn ri buaidh a thoirt air dè an taobh a bhòtas daoine anns an referendum.
Thuirt neach-labhairt bho dh'Oilthigh Ghlaschu: "Mar bhuidhinn stèidhichte, tha sinne gu tur neo-phàirteach anns an deasbad mu neo-eisimileachd na h-Alba.
"Tha sinn air beachdachadh gu cùramach air co-dhùnadh an CBI iad fhèin a chlàradh le Coimisean an Taghaidh, agus tha sinn air co-dhùnadh, gus a bhith cothromach, gum feum sinn ar ballrachd a leigeil seachad sa bhad."
Thairis air an deireadh-sheachdain, dh'fhàg Iomairt na h-Alba, VisitScotland agus a' bhuidheann chraolaidh STV an CBI.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e gu math follaiseach nach urrainn do bhuidhinn a bhuineas dhan Riaghaltas fuireach anns an CBI.
Iomairt
Le bhith a' clàradh le Coimisean an Taghaidh, bidh e ceadaichte dhan CBI suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.
Bidh 16 seachdainean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.
An dèidh co-dhùnadh na buidhne, dh'innis na companaidhean Albannach Aquamarine Power agus Buidheann Chùraim Balhousie gun robh iadsan cuideachd a' fàgail an CBI, a tha a' riochdachadh 240,000 gnìomhachas anns an Rìoghachd Aonaichte.
Chan eil fhios le cinnt cia mheud gnìomhachas a tha a' bhuidheann a' riochdachadh ann an Alba, ged a tha a' bhuidheann Business for Scotland air a ràdh gur e "80 ball aig a' char as motha".
Thuirt a' bhuidheann chraolaidh STV gun robh riaghaltean a thaobh neo-phàirteachd a' ciallachadh nach robh roghainn eile aca ach am ballrachd a leigeil seachad.
Thuirt Mgr Cridland gu bheil an CBI duilich gu bheil cuid den bhallrachd airson a' bhuidheann fhàgail.
Thuirt e: "Tha ball sam bith a bhith a' fàgail na adhbhar duilichinne dhomhsa. Ach tuigidh mi gu bheil farsaingeachd de bheachdan ag daoine.
"Cha do dh'atharraich càil air an deireadh-sheachdain a thaobh suidheachadh an CBI air a' chùis. An aon rud a dh'atharraich 's e gun do cho-dhùin sinne, airson adhbharan gèillidh, gun feumadh sinn clàradh gus a bhith air an taobh cheart de na riaghailtean," thuirt Mgr Cridland.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 18 An Giblean 2014