Inbhir Aora is Caol Bhòid an Cupa MhicAmhlaidh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh Cupa MhicAmhaidh Disathairne is chan eil ceist ann mun gheama as motha sa chiad chuairt le Caol Bhòid a' tadhal air Inbhir Aora.
Mar an dà sgioba as fheàrr sa cheann a deas, tha iad eòlach gu leòr air coinneachadh ri chèile ann an cuairtean deireannach.
Tha e coltach gu bheil iad gan tàladh ri chèile ann an dòigh air choireigin eile ge-tà is taghaidhean tric gan toirt còmhla.
Gu h-iongantach, 's e seo an ochdamh farpais chupa ann an sreath anns an do choinnich Caol Bhòid is Inbhir Aora.
Bha làmh an uachdair aig sgioba Thaigh na Bruaich an-uiridh is iad a' glèidheadh ann an gach geama, ged a bha iad uile glè fhaisg.
Cupa na Camanachd
Thug sin gu cuairt dheireannach gach cupa iad, is 's e Cupa na Camanachd a-mhàin nach do bhuannaich iad.
Tha sgioba Sheumais Pherlich cuideachd air tòiseachadh beagan nas fheàrr san lìog am bliadhna is Inbhir Aora aig a' bhonn.
Mar as trice ge-tà, chan eil geamaichean lìge a' toirt mòran de bhuaidh air na geamaichean chupa eadar na sgiobaidhean, gu dearbh bhuannaich Inbhir Aora an dà gheama san lìog an-uiridh ged a chaill iad anns gach cupa.
Bidh an sgioba aig an taigh cuideachd tric a' soirbheachadh, rud a dh'fhàgas beagan mhisneachd aig Inbhir Aora.
"Bidh e doirbh ach 's e cuideachadh a bhios ann a bhith aig an taigh is tha sinn an dochas gum bi sluagh ann gus taic a thoirt dhuinn", thuirt manaidsear Inbhir Aora, Garry Mac a' Phearsain.
Togail
Chuir Caol Bhòid 11 tadhal seachad air Taigh an Uillt sa Chupa Cheilteach bho chionn seachdain ach tha am manaidsear, Seumas Perlich, ag ràdh gum feum iad an geama a thogail.
"Cha do chluich sinn ro mhath mar sgioba is 's e an diofar a bh'ann gu bheil sinn sa Phrìomh Lìog is iadsan ann an Lìog Deas 1.
"Bidh againn ri dhol suas gu ìre nas àirde an aghaidh Inbhir Aora air a' phàirc aca fhèin", thuirt e.
Anns na geamaichean eile aig deas Disathairne, bu chòir gum bi Camanachd an Òbain tuilleadh sa chòrr làidir do dh'Obar Dobhair ann am Fìobha.
Bidh dùil cuideachd gun tig Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal troimhe an aghaidh Bhòid is na h-eileanaich ann am beagan de staing an-dràsta.
Dearbaidh
'S e dearbaidh a tha sa gheama eile le Gleann Urchaidh a' tadhal air Taigh an Uillt.
Chaill Bail' Ùr an t-Slèibh 4-3 ri Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich an-uiridh ann an geama air leth.
Bidh iad ag amas a dhol ceum a bharrachd am bliadhna is bu chòir gun tig iad troimhe air falbh an aghaidh Chill Mhàillidh sa chiad chuairt.
Tha Lòbhat air gach geama a bhuannachadh thuige seo am bliadhna ach bidh dùbhlan aca an aghaigh Chinn Loch Seile, a chuir Ceann a' Ghiuthsaich a-mach à Cupa Thàimhais an t-seachdain seo chaidh.
Thèid Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Loch Abair ann an Drochaid an Aonachain, far an do ghlèidh iad 5-2 bho chionn cola-deug.
Dùbhlan
Chan eil Loch Abar air geama a bhuannachadh fhathast air an seusan seo - chaill iad ri na Sgiathanaich ann am pleit MhicThàmhais Disthairne - is bidh iad 'son dùbhlan nas fheàrr a thoirt gu balaich Bhaideanach an turas seo.
Bidh Ceann a' Ghiuthsaich as aonais Lee Bain is casg air.
Sa gheama eile ann an Cupa MhicAmhlaidh Disathairne bu chòir gum bi gnothaichean teann eadar An Gearasdan agus Gleann Urchadain.
Tha teansa gum bi Gordie MacFhionguin fut dhan Ghearasdan is e air tighinn am follais nach deach a ghoirteachadh cho dona sa bha dùil an aghaidh Strath Ghlais bho chionn seachdain.
Ann an Lìog Tuath 1 bidh na Sgitheanaich ag amas air an àite aca aig mullach na lìge a neartachadh is iad air falbh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.
Tha iad an dòchas gum bi Shockie MacIllinneinn comasach air tilleadh dhan sgioba agus an t-Eilean lan mhisneachd às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Loch Abar.
Bidh Camanachd Leòdhais nan tàmh an t-seachdain seo.