Coinneamh CnES ann an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh buill de Chomhairle nan Eilean Siar ann an Uibhist Diciadain airson a' chiad turas ann an dusan bliadhna.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gur ann airson cothrom a thoirt do mhuinntir Uibhist fhaicinn mar a tha an t-ùghdarras ag obrachadh.
Bidh buill a' beachdachadh air a' bhuidseat aca airson nan trì bliadhnaichean-ionmhais a tha ri thighinn, am measg eile.
Tha Comhairlichean ag ràdh gum faodadh gum feum iad gearraidhean a dhèanamh suas ri £11m san ùine sin.
Gearraidhean
Thèid iarraidh air Comhairlichean buidseat fa leth aontachadh airson na bliadhna-ionmhais 2015/16 leis gu bheil iad fhathast a' feitheamh fios mu mar a roinneas COSLA a-mach airgead am measg nan comhairlean.
Thèid an uair sin iarraidh air buill beachdachadh air mar a dh'fheumas iad gearraidhean a dhèanamh thairis air na trì bliadhnaichean air fad.
Thèid iarraidh air Àrd-Oifigear na Comhairle, agus Stiùiriche an Ionmhais, aithisg a thilleadh dhan ath-shreath de choinneamhan san Ògmhios mu na seòrsa ghearraidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh.
Bidh an aithisg sin a' toirt sùil gheur air gearraidhean ann an seirbheisean, àireamhan luchd-obrach agus buidseatan anns an fharsainneachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 14 An Gearran 2014