Cupa na h-Alba do Sgoil MhicNeacail

  • Air fhoillseachadh
Sgioba Sgoil MhicNeacailTùs an deilbh, Sgoil MhicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,
Shoirbhich leis na nigheanan air breaban-peanais.

Bhuannaich na nigheanan aig Sgoil MhicNeacail Cupa na h-Alba aig ìre fo 18.

Rinn na nigheanan a' chùis air Àrd-Sgoil Firrhill à Dùn Èideann aig Pàirce Sràid nan Granndach ann an Inbhir Nis.

Shoirbhich leis na nigheanan air breaban-peanais air a' cheann thall às dèidh dha na sgiobaidhean crìochnachadh co-ionnan 2-2.