Dùil ri sgoil ùr Phort Rìgh an 2017

  • Air fhoillseachadh
Planaichean
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an sgoil ùr a thogail air Rathad an t-Sruthain.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dùil aca gum fosgail Bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh ann an 2017.

Thug a' Chomhairle fiosrachadh seachad mun phròiseict aig coinneimh sa bhaile oidhche Chiadain.

Bidh an sgoil ùr stèidhichte air Rathad an t-Sruthain anns a' bhaile is cosgaidh e £8.5m, le £3m a bharrachd ga chosg airson ostail-sgoile ùir.

Thèid an ostail a thogail an toiseach is dùil gun tòisich obair air an sin as t-Samhradh.

Connspaid

Nochd connspaid nas tràithe sa Ghiblean nuair a dh'iarr Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe baileat mun sgoil am measg phàrantan.

Thuirt iad gu bheil sia bliadhna ann bho chaidh beachd an t-sluaigh a shireadh, agus gum bu chòir bhòt ùr a chumail am measg phàrantan le clann nas òige na 10 bliadhna de dh'aois.

Chaidh innse aig a' choinneimh, mar a bha Cathraiche Comataidh Bhuileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal, air a ràdh roimhe, nach tachradh an leithid.

"Rinn oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd gu math soilleir nach eil sin a' dol a thachairt, gun deach co-chomhairle a chumail is gun deach sin a dhèanamh ann an dòigh cheart," thuirt Art MacCarmaig bho Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh.

"Aig an ìre far a bheil cùisean an-dràsta, tha aonta ann a dhol air adhart leis an sgoil, 's chan eil iad a' dol a dh'èisteachd ri moladh sam bith a thaobh a bhith a' dol air ais agus a' dèanamh co-chomhairle eile.

Àireamh

"Tha sinne a' faicinn mar Chomann nam Pàrant ann am Port Rìgh gu bheil an àireamh as motha riamh de dh'òigridh aig ìre ro-sgoile a' dol tro chròileagan agus sgoil-àraich ann am Port Rìgh.

"Tha sinn a' gabhail ris bhon sin gu bheil pàrantan le làn-fhios aca gu bheil sgoil Ghàidhlig a' dol a thighinn, a' cur an cuid chloinne gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le dùil gum bi sgoil Ghàidhlig ann aig deireadh chùisean.

"Tha sinn a' smaointinn gu bheil sin a' sealltainn gu bheil iarrtas fhathast ann airson sgoil Gàidhlig," thuirt e.

Thuirt Mgr MacCarmaig cuideachd gu bheil Comann nam Pàrant glè riaraichte le meud na sgoile a thathas a' moladh, le àite ann 'son leudachadh ma bhios feum air.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh