AE a dhìth air Càball a' Chuain Sgìth
- Air fhoillseachadh

Tha eòlaiche cumhachd ag ràdh gum bu chòir dhan Roinn Eòrpa gnothach a ghabhail ri Càball a' Chuain Sgìth, às dèidh mar a tha an Ruis air a bhith a' maoidheadh an gas a tha iad a' cur dhan Roinn Eòrpa a ghearradh.
Tha seo a' tighinn agus aon bhall den Bhuidhinn-Ghnìomha a chuir an Riaghaltas air chois airson an càball a bhrosnachadh ag ràdh gum faodadh na h-Eileanan cothrom air cumhachd ath-nuadhachail a chall buileach glan.
Tha Murchadh Moireach ag ràdh gu bheil e math gu bheil a' Bhuidheann-Ghnìomha ann, ach gur dòcha gun feumar sùil nas fharsainne a thoirt air a' chùis.
"'S e rud math a th' ann gu bheileas a' toirt sùil nas gèire a-steach dhan ghnothach, bhon chan eil teagamh sam bith tha an ùine a' dol air adhart 's tha tòrr oidhirpean air an dèanamh thairis air na bliadhnaichean, ach tha sinn fhathast gun cheangal, agus fhathast gun là fa chomhar far am bi ceangal ann," thuirt e.
"Tha fhios agam fhìn air feadhainn a bha a' coimhead airson obair, 's bu chaomh leotha a bhith ag obair ann an seo, ach chan eil comas obrach ann, agus tha aca ri falbh a-nis gu Tìr Mòr.
Ceangal tras-nàiseanta
"'S e bochdainn a tha sin, nuair a chì thu 's nuair a tha mothachadh agad air a' chumhachd a tha timcheall oirnn agus air na leasachaidhean a bhiodh comasach nam b' e agus gun robh càball a-null gu Tìr Mòr.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an suidheachadh a tha a-nis a' tachairt a thaobh na h-Ugràin 's na Ruis, a' cur iomagain shònraichte anns an Roinn Eòrpa air cionnas a thathas a' dol a choimhead gu sònraichte ri tèarainnteachd solarachaidh anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom ann an sin a-rèiste, a bhith a' ceangal a-steach tron Roinn Eòrpa agus a' coimhead nas gèire air na bhiodh iomchaidh a thaobh ceangal griod tras-nàiseanta.
"Nam bheachd fhìn, bhiodh e iomchaidh a-rèiste coimhead gu sònraichte aig an àm seo air an t-seòrsa cheanglaichean a thathas air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn eadar Èirinn agus Alba agus an Roinn Eòrpa.
"A h-uile càil a tha sin a thoirt ri chèile, agus amharc sònraichte a thoirt air càball a thoirt suas 's dòcha à Hunterston, suas tro eileanan Earra-Ghàidheal, agus suas dha na h-Eileanan an Iar," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 An Gearran 2014
- 18 An Dùbhlachd 2013