Làn misneachd?

  • Air fhoillseachadh
  • comments

Aig a' cheann-thall cha tuirt Johann Lamont gum bu chòir do Choinneach MacAsgail a dhreuchd fhàgail.

Ach thàinig i gu math faisg air.

Là às dèidh mar a thuirt Rùnaire a' Cheartais gun tigeadh dàil air an reachdas a chuireas às do cho-dhearbhadh, dh'fhaighnich ceannard nan Làbarach an robh misneachd aig a' phrìomh mhinistear ann am Mgr MacAsgail.

Aig àm nan ceist, 's ann ainneamh a dh'fhreagras Ailig Salmond le aon fhacal a-mhàin.

An-diugh b' e sin a rinn e.

Ach ma tha Mgr Salmond air a dhòigh le Mgr MacAsgail, chan eil na dùbhlanaich dhen aon bheachd.

Àrsaidh

Chan ann a-mhàin nach eil iad uile ag aontachadh gum bu chòir crìoch a chur air an riaghailt àrsaidh a dh'fhàgas gu feum puingean cudromach a dhearbhadh dà thuras ann an cùirtean eucoir na h-Alba.

Bha agus tha fearg aig Holyrood mun dòigh anns a bheil Rùnaire a' Cheartais air a ghiùlan fhèin air a' chùis seo.

Gu dearbh, a' bruidhinn air sgàth nan Tòraidhean, thuirt an ceannard, Ruth Davidson, gun robh dol a-mach Mhgr MhicAsgail na "adhbhar nàire".

Rinn an dithis cheannardan dùbhlanach iomradh air a' chiad dheasbad air a' bhile seo o chionn sia seachdainean.

(Dhearbh Mgr MacAsgail an-dè nach tèid a dheasbad a-rithist gus bheil sgrùdadh A' Mhorair Bhonhomie air an reachdas deiseil anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna).

Anns an deasbad sin, chum Mgr MacAsgail a-mach gur e cealgaireachd seach prionnsabail a bha air cùl diùltadh nan dùbhlanach taic a chur ris.

Iomairt

Chuir sin fearg mhòr air tòrr anns an t-Seòmar, gu h-àraid air feadhainn a tha air a bhith ag iomairt airson chòirichean bhoireannach thar nam bliadhnaichean.

Dh'fheuch Mgr MasAsgail an-dè agus Mgr Salmond an-diugh ri smàl a chur ris an teine, ag ràdh gun robh Rùnaire a' Cheartais air a bhith "reusanta", ag èisteachd ri iarrtas airson dalach a rinn na dùbhlanaich nas tràithe air an t-seachdain.

Ach tha iad air a bhith ga h-iarraidh fada nas fhaide na sin.

Tha an riaghaltas fhathast daingean na bheachd gu bheil atharrachadh a dhìth gus ceartas a thoirt do bhoireannaich nach fhaigh don chùirt air sgàth na riaghailt seo.

Dhearbh Mgr Salmond sin a-rithist an-diugh.

Agus mhìnich e carson a bha misneachd aige ann am Mgr MacAsgail, a' dèanamh iomradh air àireamh phoileas a dh'èirich agus àireamhan eucoir a thuit o fhuair e a dhreuchd.

Uallach

Tha Mgr MacAsgail air connspaid gu leòr fhaicinn on uair sin.

Gu dearbh às dèidh dha seasamh ri uallach bho fhad is farsaing air saoradh bomaire Locarbaidh, is doirbh fhaicinn ciamar a b' urrainn do Mhgr Salmond a ghluasad, co-dhiù gus am bi reifreann na Sultaine seachad.

Tha fios aig Johann Lamont agus Ruth Davidson air sin.

Ach bu choltach cuideachd nach robh càirdean Mhgr MacAsgail deònach a dhol tro shabaid mhòir air co-dhearbhadh air thoiseach air a' bhòt sin agus mar sin dheth nach robh roghainn eile aige ach gabhail ris an dàil seo.

Am bi Mgr MacAsgail fhathast na dhreuchd nuair a thilleas a' chùis don phàrlamaid?

Nach bruidhinn sinn a-rithist, mun àm seo an ath-bhliadhna.