Miliband a' cur taic ri iomairt an Aonaidh

  • Air fhoillseachadh
Ed MilibandTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Coinnichidh Caibineat dùbhlanach nan Làbarach ann an Glaschu, 's am pàrtaidh a' daingeachadh na h-iomairt aca an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, air a ràdh gum bi luchd-obrach air dà thaobh na crìche nas miosa dheth ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd.

Ach thuirt an SNP nach eil càil aig na Làbaraich airson dìon a chur air an fheadhainn as miosa dheth ann an Alba, agus gum biodh barrachd ghearraidhean ann nam fuiricheadh Alba anns a' Rioghachd Aonaichte.

Choinnich Caibineat dùbhlanach nan Làbarach ann an Glaschu Dihaoine, 's am pàrtaidh a' daingneachadh na h-iomairt aca an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Thuirt Ed Miliband gum faodadh atharrachadh bunaiteach tighinn air Alba, gun neo-eisimeileachd, ma bhòtas muinntir na dùthcha dhan Phàrtaidh Làbarach anns an ath thaghadh choitcheann.

Tha an SNP ag ràdh ge-tà, gur e bhòt airson neo-eisimeileachd a-mhàin a bheir do dh'Alba an Riaghaltas a thagh iad, le cumhachd buidseat a dhìon airson seirbheisean poblach agus sochairean.

Tha sin mar-thà air na h-àrd-mhinistearan aig na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich fhaicinn ann an Alba; an t-seachdain seo, 's e Caibineat dùbhlanach nan Làbarach a tha a' tadhail air Glaschu.

Piobrachadh

Tha Mgr Miliband airson luchd-taic nan Làbarach a phiobrachadh gus bhòtadh airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte agus cuideachd, 's dòcha, luchd-taic a bharrachd a thàladh chun na dòigh-smaoineachaidh aigesan.

Thuirt e, ma bhòtas Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum san t-Sultain agus airson nan Làbarach san ath thaghadh choitcheann, gum faodadh atharrachadh bunaiteach tighinn air Alba gun feum a bhith aig daoine na cairtean-siubhail aca atharrachadh.

Tha sinn mar-thà air cluinntinn bho Mhgr Miliband gum biodh, na bheachd-san, Alba neo-eisimeileach a' farpais an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte airson na cìsean as ìsle a stèidheachadh, le daoine beartach a' dèanamh buannachd às agus na daoine bochda a' dèanamh call.

Anns a' Mhàirt, thug e rabhadh mun chall a dhèanadh neo-eisimeileachd air an dùthaich, ag ràdh nach biodh ann ach "rèis chun a' bhuinn" eadar Alba agus Sasainn.

Gheall Mgr Miliband gur e riaghaltas Làbarach ann an Westminster agus Holyrood a bheireadh soirbheachas do Bhreatainn agus do dh'Alba.

Cùmhnantan gun uairean dearbhte

A bharrachd air an sin, chualas mar a tha Mgr Miliband a' gealltainn smachd a chur air mar a tha cùmhnantan gun uairean dearbhte gan cleachdadh ann am Breatainn, 's ann an Alba cuideachd.

Bheachdaich e, ma tha neach sam bith air a bhith ag obair an àiteigin le uairean agus tuarastail a tha ag atharrachadh, 's nach eil dearbhte, 's ma thathar air a bhith ag obair an sin nas fhaide na sia mìosan, gum bu chòir cùmhnant le uairean dearbhte a bhith ga thabhainn orra.

Bidh na Làbaraich an dòchas gun toireadh poileasaidh dhen leithid daoine thucasan, agus chun a' cho-dhùnaidh gum bu chòir an Rìoghachd Aonaichte a chumail slàn.

Aig a' cheart àm, thuirt Sandra White bhon SNP gum faod gearraidhean mòra a bhith air fàire do dh'Alba ma thèid neo-eisimeileachd a dhiùltadh.

Thuirt ise, ma thèid am Barnett Formula - siostam a tha a' dearbhadh na tha Alba a' faighinn de dh'airgead phoblach bho roinn ionmhais Bhreatainn gach bliadhna - a ghearradh, gum faodadh e buaidh uabhasach a thoirt air coimhearsnachdan air feadh Alba, coimhearsnachdan a tha a' fulang mar-thà le cion-airgid.

Tha na Nàiseantaich a' smaoineachadh gum faodadh gu bheil gearraidhean suas ri £4bn air fàire bhon Formula, ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

'S e an teachdaireachd bho na Nàiseantaich, gur e bhòt airson neo-eisimeileachd a-mhàin a chuireas dìon air seirbheisean poblach agus sochairean ann an Alba, agus cuideachd a bheireas do dh'Alba an Riaghaltas a thagh iad anns a' chiad dol a-mach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh