Iarrtas airson baileat mu sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
- Air fhoillseachadh

Iarraidh Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh air Comhairle na Gàidhealtachd baileat eile a chumail air am bu chòir bun-sgoil Ghàidhlig a thogail sa bhaile.
Tha seo a dh'aindeoin 's nach eil càil a choltas gum faigh iad an toil.
Nuair a rinneadh co-chomhairleachadh poblach mu bhun-sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh roimhe, chuir a' mhòr-chuid de phàrantan aig an robh clann a bha a' faighinn foghlam sa chànan, an taic ri na planaichean.
Tha sia bliadhna bho chaidh am baileat a dhèanamh agus tha Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe a-nis a' ceasnachadh a bheil iarrtas ann fhathast, agus a bheil feum air bun-sgoil Ghàidhlig.
Ged nach eil fear de bhuill na Comhairle Coimhearsnachd, Niall Caimbeul, dòchasach gum faigh iad baileat, tha e den bheachd gum bu chòir an cothrom a bhith aig pàrantan am beachdan a thoirt am follais.
"Tha mi gu math cinnteach gun can a' Chomhairle, chan eil adhbhar sam bith ann baileat eile a bhith againn ... ach faighnichidh sinn a' cheist," thuirt Mgr Caimbeul.
Dòchasach
Thuirt e gu bheilear dòchasach gum faighear beagan a bharrachd fiosrachaidh bhon Chomhairle.
Aig coinneamh na buidhne air oidhche Dhiardaoin, chualar gur iad na pàrantan aig an robh clann a bha a' faighinn foghlam sa Ghàidhlig a-mhàin a chaidh an sàs anns a' cho-chomhairleachadh a chaidh a dhèanamh roimhe.
Thuirt Mgr Caimbeul cuideachd gu bheil daoine air tighinn thuca le an cuid draghan mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an sgoil ùr air an tè Bheurla agus, gu dearbha, air sgoiltean eile san sgìre.
Le faisg air 100 sgoilear a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, thathas a' faighneachd dè a thachras do Sgoil Phort Rìgh nuair a chailleas iad an uiread sin de sgoilearan.
Ged nach buill na Comhairle Coimhearsnachd dòchasach gum faigh iad baileat, thathar deimhinnte gum bu chòir a' cheist fhaighneachd.
Nuair a nochd a' bheachd seo, thog fear de chomhairlichean na sgìre, Hamish Friseal, teagamhan an gabhadh dàrna baileat a bhith ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 24 An Giblean 2014