Am BBC a' fàgail an CBI rè iomairt an referendum

BBC
Image caption Dh'innis am BBC gun leigeadh iad seachad am ballrachd eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain.

Tha am BBC air innse gu bheilear an dùil Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais ann an Alba, an CBI, fhàgail rè iomairt an referendum.

Tha seo a' tighinn an dèidh dhan bhuidhinn innse gu bheilear air clàradh le Coimisiean an Taghaidh mar bhuidhinn a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Dh'innis a' bhuidheann chraolaidh gun leigeadh iad seachad am ballrachd eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain.

Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachais fhàgail sna beagan làithean a dh'fhalbh ri linn seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Bhòtaidh Albannaich mu àm ri teachd na dùthcha anns an t-Sultain.

Thàinig brath-naidheachd bhon BhBC an dèidh don bhuidhinn Business for Scotland, a tha ag iomairt airson "Bu chòir", ceistean a thogail mu carson nach robh am BBC air an CBI fhàgail.

Neo-phàirteachd

Thuirt am brath-naidheachd: "Airson neo-phàirteachd a' BhBC a dhìon, tha an CBI agus am BBC air aontachadh ballrachd a' BhBC a' leigeil seachad fhad 's a tha a' bhuidheann ghnothachais clàraichte fo chumhaichean Achd Referenduim na h-Alba 2013."

Chaidh an dearbh bhrath-naidheachd a sgaoileadh le Àrd-Stiùiriche an CBI, John Cridland.

Thuirt an CBI gu bheilear misneachail gu bheil a' chuid mhòr den bhallrachd aca ag aontachadh ri seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Le bhith a' clàradh le Coimisean an Taghaidh, bidh e ceadaichte dhan CBI suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.

Bidh 16 seachdainnean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.

Thuirt brath-naidheachd bhon bhuidhinn Business for Scotland, a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd: "Thèid milleadh do-sheachanta a dhèanamh air creideas agus cothromachd a' BhBC agus STV mura leig iad seachad am ballrachd san CBI uile gu lèir.

Ceart agus cothromach

"Mar a tha cùisean an-dràsta, agus co-dhiù gu ruige an 30mh là den Chèitean nuair a sguireas ballrachd a' BhBC, tha muinntir na h-Alba a' faighinn naidheachdan bho bhuidhnean chraolaidh a tha an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba. Chan urrainnear gabhail ris an sin."

Image copyright CBI
Image caption Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachais fhàgail sna beagan làithean a dh'fhalbh ri linn seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Tha a' bhuidheann chraolaidh STV air an CBI fhàgail ach tha ITV air a ràdh gun cumar am ballrachd.

Thuirt labhraiche bho ITV: "Tha sinn gu tur neo-phàirteach san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba agus bidh na thèid a chraoladh, mar as àbhaist, gu tur ceart agus cothromach."

Tha a' mhòr-chuid de dh'oilthighean na h-Alba air fàgail, a thuilleadh air buidhnean riaghaltais agus companaidhean leithid VisitScotland agus Buidheann Chùraim Balhousie.

Aig a' cheart àm, an dèidh beachdachadh gu cùramach air co-dhùnadh an CBI, tha Prionnsapal Oilthigh Raibeart Gòrdain air co-dhùnadh gum bu chòir dhaibh am ballrachd a leigeil seachad "san eadar-ama".

"Thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh às dèidh an referendum agus leanaidh an oilthigh air a bhith gu tur neo-phàirteach," thuirt brath-naidheachd bhon oilthigh.

Aig a' bhogsa-baileat, thèid faighneachd dhan luchd-bhòtaidh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?" Bidh dà roghainn aca - "bu chòir" no "cha bu chòir".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile