Dragh mu inbhe nas motha do Thursachan Chalanais

  • Air fhoillseachadh
Tursachan Chalanais
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh na Tùrsachan a' tàladh nam mìltean de luchd-turais dha na h-Eileanan Siar gach bliadhna.

Tha ceistean gan togail mun bhuaidh a bheireadh inbhe Làrach Dhualchais na Cruinne do Thursachan Chalanais ann an Leòdhas air an sgìre.

Thòisich Gaeset Steòrnabhaigh iomairt gus inbhe nas àirde fhaighinn do phrìomh làrach thurasachd nan Eilean Siar.

Thuirt Deasaiche a' phàipeir, Melinda Gillen, gun tàinig an smuain airson na h-iomairt à co-labhairt turasachd a chaidh a chumail san eilean o chionn ghoirid.

"Thug e oirnn smaoineachadh, 's thill mise a dh'fhaighneachd don luchd-obrach mu dheidhinn," thuirt i.

"Shaoil sin, carson nach dèan sinn e? 'S e làrach chudromach ro-eachdraidheil a th' ann - tè den fheadhainn as cudromaiche san Roinn Eòrpa tha mi a' tuigsinn."

Stonehenge

Ach chan eil a h-uile duine dhen bheachd gur e rud math a bhiodh ann nam biodh Calanais na "Làrach Dhualchais na Cruinne".

"'S e a' chiad rud, bu chòir dhaibh a bhith air tighinn a dh'fhaighneachd dhan t-sluagh anns a' choimhearsnachd," thuirt an Comhairliche ionadail Dòmhnall 'Cudaig' MacLeòid.

"'S ann air a' choimhearsnachd 's air an t-sluagh a tha an rud a' dol a thoirt atharrachadh.

"Feumaidh sinn a bhith faiceallach dè an t-atharrachadh a tha e a' dol a thoirt oirnn.

"Dh'fhaodadh e a bhith na bhuannachd dhuinn, agus dh'fhaodadh e a bhith na chnap-starra gu math mòr oirnn.

"Cha robh fios againn air càil mu dheidhinn gus an cuala sinn mu dheidhinn an-diugh anns na naidheachdan.

"Tha e gu math follaiseach nach robh guth aca air a' choimhearsnachd no air na t-sluagh.

"Ma thèid feansa a chur timcheall nan tursachan, agus nach fhaigh na daoine, an luchd-turais, chun nan tursachan airson a bhith nan seasamh ri an taobh, 's a bhith a' cur an làmhan timcheall orra 's a' togail dhealbhan, 's ann a chanainnsa gur ann a tha sin a' dol a chur maill air an luchd-turais.

"Ach ma dh'fhàgas iad e mar a tha e, 's ann a bhios e na bhuannachd dhan luchd-turais.

"Chan eil agad ach ri coimhead ris an rud a rinn iad ri Stonehenge bho chionn crabhd bhliadhnaichean. Chaidh an àireamh dhaoine a bha a' dol ann sìos, agus fhuair iad a-mach gur e an rud ceàrr a bha iad air a dhèanamh, 's thug iad na feansaichean air falbh.

"An aon rud a tha sinne ag iarraidh, 's e na daoine a bhith a' fuireach anns an àite, gu h-àraidh an fheadhainn òg.

"Tha e uaireannan na chnap-starra dhan fheadhainn òg a tha a' togail thaighean.

"Uaireannan tha thu ag ràdh riut fhèin, a bheil buidheann air choireigin a th' air cùl na tha a' tachairt gu slaodach 's gu socair, gu bheil an t-eilean seo gu bhith fo eòin agus fraoch, 's nach bi duine againn air fhàgail ann," thuirt e.

Thuirt Deasaiche a' Ghaseat, Melinda Gillen, gun èist iad ri beachdan dhaoine agus nach lean iad orra leis an iomairt mura h-eileas ga h-iarraidh.