Buaidh mhòr do Chaol Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Anndra King is Grant GriffinTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Caol Bhòid cus ro mhath do dh'Inbhir Aora an turas seo.

Chaidh Caol Bhòid air adhart dhan dàrna chuairt de Chupa MhicAmhlaidh tòrr na bu chomhfhurtaile na bha dùil is iad a' soirbheachadh 5-1 an aghaidh Inbhir Aora aig an Winterton.

Rinn sgioba Thaigh na Bruaich toiseach-tòiseachaidh làidir le tadhal bho Dhàibhidh Zavaroni às dèidh 5 mionaidean.

Chuir Ruairidh Dòmhnallach an uairsin dà thadhal ro lethach ùine gus Caol Bhòid a chur ann an suidheachadh làidir dha-rìribh, is rinn iad cinnteach air àite san ath-chuairt le tadhail a bharrachd bho Roberto Zavaroni agus an Dòmhnallach a-rithist.

Fhuair Inbhir Aora tadhal air ais bho Gharry Mac a' Phearsain le fichead mionaid air fhàgail ach bha e cus ro anmoch is bidh ceistean gu leòr ann a-nise an e seo deireadh linn dhan sgioba seo.

Bidh cothrom aca Disathairne seo tighinn sealltainn nach eil sin fìor le Caol Bhòid a' tilleadh dhan Winterton a-rithist san lìog.

Neartachadh

Bidh Caol Bhòid iad fhèin air am misneachadh gu mòr agus le na cluicheadairean as fheàrr aca air ais agus an fheadhainn a tha air tighinn à Eilean Bhòid air an sgioba a neartachadh, tha coltas ann gum bi iad glè làidir anns na cupanan am bliadhna.

Bidh iad an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal san ath-chuairt do Chupa MhicAmhlaidh às dèidh do sgioba a' bhaile a' chùis a dhèanamh air Eilean Bhòid 4-1 aig an deireadh-sheachdain.

Bhuannaich Camanachd an Òbain 3-0 Disathairne an aghaidh Obar Dobhair is bidh iadsan a-nise an aghaidh Ghleann Urchaidh, a shoirbhidh 4-1 an aghaidh nan nàbaidhean aca ann an Taigh an Uillt.

Aig tuath bha an geama as fheàrr ann an Cill Targhlain.

Tha Lòbhat fhathast gun chall am bliadhna às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Ceann Loch Seile 2-1 ach cha b' ann furasta a bha e.

Chuir Lorne MacAoidh Lòbhat air thoiseach ach thug Ceann Loch Seile an geama gu ùine a bharrachd le tadhal bho Dhonnchadh 'Ach' MacRath.

Air a' cheann thall b' e Caoimhinn Bartlett a chuir Lòbhat air adhart dhan ath-chuairt le tadhal dìreach ro lethach slighe ann an ùine a bharrachd.

Bidh Lòbhat a-nise an aghaidh a' Ghearasdain a chuir Gleann Urchadain bhon Phrìomh Lìog a-mach 1-0.

Prìs

B' e Arran Mac a' Phì a chuir an tadhal ach thàinig a' bhuaidh aig prìs le Garry Innes a' bristeadh tè na corragan aige.

Chaidh an geama eadar Bail' Ùr an t-Slèibh is Cill Mhàillidh a ghluasad bho Loch Abar gu Bàideanach is shoirbich am Bail' Ùr furasta gu leòr air a' cheann thall 4-0.

Tha sin a' fàgail gu bheil geama tarraingeach dha-rìribh san amharc san ath-chuairt eadar am Bail' Ùr is na seann nàimhdean aca Ceann a' Ghiuthsaich, a rinn a' chùis 1-0 air Loch Abar le tadhal bho Fhriseal Rothach.

Ann an Lìog Tuath 1 tha sgioba an Eilein Sgitheanaich fhathast aig a' mhullach gun gheama a chall às dèidh dhaibh buannachadh 1-0 air an darna sgioba aig Ceann a' Ghiuthsaich.

Thàinig an tadhal an sin bho Shockie MacIllinneinn air a' chiad gheama bho thill e dhan sgioba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh