Deasbad mu bhallrachd na h-Alba san Aonadh Eòrpach

  • Air fhoillseachadh
Bratach na Croise agus Bratach an Aonaidh EòrpaichTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha aimhreit às ùr air tòiseachadh eadar Dùn Èideann agus Lunainn mu bhallrachd na h-Alba san Aonadh Eòrpach.

Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ann am Bruges sa Bheilg Diluain, gus òraid a thoirt seachad air àite na h-Alba anns an Aonadh Eòrpach.

Canaidh e gu bheil goireasan nàdarra agus daonna na h-Alba deatamach dhan Aonadh Eòrpach (AE).

Tha dùil gun can e cuideachd gum biodh Alba neo-eisimeileach bunaiteach a thaobh barantas cumhachd a thoirt dhan Roinn Eòrpa.

Ach, air thoiseach air cuairt Mhgr Salmond dhan Bheilg, tha aimhreit às ùr air tòiseachadh eadar Dùn Èideann agus Lunainn mu bhallrachd na h-Alba san AE.

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gu bheil cho làidir 's a tha 'guth' na Rìoghachd Aonaichte anns an AE gu buannachd na h-Alba.

Adhbharan practaigeach

Tha an riaghaltas ann an Dùn Èideann a' cumail a-mach gum fuiricheadh Alba san Aonadh Eòrpach ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

On a thòisichear a' bruidhinn mun referendum, tha mòran aire ga thoirt dhan argamaid mu dheidhinn ciamar a b' urrainn do dh'Alba a bhith na ball neo-eisimeileach den AE, no fiù 's am biodh Alba na ball às dèidh do dh'Albannaich bhòtadh airson neo-eisimeileachd san t-Sultain, mar a tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh.

Aig Colaiste na h-Eòrpa, tha dùil gum bi Mgr Salmond a' feuchainn ri aire a chumail air na h-adhbharan practaigeach agus poileataigeach, airson Alba a bhith anns an Aonadh Eòrpach.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,
Canaidh Ailig Salmond gu bheil na h-aice de chumhachd a' cur Alba aig teas-mheadhan an Aonaidh Eòrpaich.

Innsidh e dhan luchd-èisteachd ann am Bruges carson a bu choir dhaibh taic a chur ris an sin, agus carson a bhiodh e math, chan ann a-mhàin do dh'Alba, ach dhan chòrr den AE cuideachd.

Canaidh e gu bheil na h-aice de chumhachd a' cur Alba aig teas-mheadhan an Aonaidh Eòrpaich.

Còmhraidhean

Tha Rùnaire Cèin na Rìoghachd Aonaichte, Uilleam Hague, air cuairt Mhgr Salmond a chleachdadh mar chothrom airson argamaidean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a chur am follais uair eile.

Ann an litir chun a' Phrìomh Mhinisteir, tha Mgr Hague air a ràdh gum biodh còmhraidhean a dhìth airson Alba a dhèanamh na ball neo-eisimeileach den AE an dèidh na bhòt airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun gabhadh sin a dhèanamh sna 18 mìosan eadar an referendum agus neo-eisimeileachd fhèin anns a' Mhàirt 2016.

Thuirt Uilleam Hague gu bheil e follaiseach dhasan co-dhiù, gum biodh còmhraidhean fada agus toinnte a dhìth gus ballrachd na h-Alba a dhearbhadh, agus gum bi cead agus aonta a dhìth bho gach dùthaich eile san AE.

Ach, tha Ailig Salmond ag ràdh nach eil Mgr Hague idir ceart, 's esan a' sgrìobhadh air ais ag ràdh nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deònach soilleireachadh iarraidh air a' Choimisean Eòrpach.

Le coltas ann nach tèid a' cheist mu àite na h-Alba san Aonadh Eòrpach a rèiteach air thoiseach air bhòt na Sultaine, bidh aig an luchd-bhòtaidh ri èisteachd ri argamaidean bhon dà thaobh gus an taghadh fhèin a dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh