Càball-dealain ùr do Thiriodh

Muilleann-gaoithe Image copyright Urras Thiriodh
Image caption Thuirt a' chompanaidh SSE gum bi an càball ùr nas treasa agus gun seas e ris an droch shìde.

Chuir muinntir Thiriodh fàilte air an naidheachd gu bheil càball-dealain ùr a-nis a' ceangal an eilein ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha am fear a bh' ann air a bhith briste bho thoiseach na bliadhna, agus na h-eileanaich ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd air co-dhiù £150,000 a chall ri linn.

Thuirt a' chompanaidh SSE gum bi an càball ùr nas treasa agus gun seas e ris an droch shìde.

Thuirt Rhoda Meek, a tha a' fuireach ann an Tiriodh, gun tug an càball briste buaidh mhòr air a' choimhearsnachd air fad.

Thuirt i gu bheil muileann-gaoithe aig a' choimhearsnachd a bhios a' cosnadh airgead dhaibh. Ach, mura h-eil an càball-dealain ag obair, thuirt i nach eil am muileann-gaoithe a' tionndadh 's a' dèanamh airgead nas mò.

Àrainneachd

Tha muinntir Thiriodh an dùil gun do chaillear co-dhiù £150,000 am-bliadhna; airgead a dh'fhaodadh a bhith air a chosg air pròiseactan coimhearsnachd.

"Cuideachd, tha sin air a bhith a' ruith gineadair fad ceithir mìosan a-nis le dìosail, agus feumaidh nach eil sin math dhan àrainneachd," thuirt i.

Leis gum feum na tancairean mòra connaidh a thighinn a-null air an aiseig, bha sin a' ciallachadh nach robh cus rùm air na h-aiseagan do chàraichean, gu h-àraidh aig àm na Nollaig 's na Bliadhn' Ùir.

A thaobh an aiseag fhèin, dh'innis Ms Meek gu bheil riaghailtean teann a' ciallachadh nach fhaodar dà sheòrsa connadh eadar-dhealaichte a ghiùlan air an aon aiseig.

Mar sin, nan robh dìosail a' tighinn a-null airson a' ghineadair, chan fhaodar peatrail a thoirt a-null airson a' gharaids.

Sìde

Thuirt SSE nach b' urrainnear an càball a chàradh gu ruige seo ri linn na droch shìde, agus leis cho làidir 's a bha an sruth.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a-nis air càball ùr a chur sìos - càball nas treasa a sheasas ri droch shìde.

Thuirt Ms Meek gu bheil muinntir Thiriodh riaraichte leis an sin, agus gu bheilear an dòchas gun seas an càball ùr airson beagan bhliadhnaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile