Fear motor-baidhsagal air a dhroch ghoirteachadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear motor-baidhsagal a dhroch ghoirteachadh air rathad an A87 faisg air Inbhir Garadh Là na Sàbaid.
Chaidh an duine, a tha 22 bliadhna de dh'aois, a sgèith gu Ospadal Ninewells ann an Dùn Dèagh.
Thachair an tubaist air an rathad eadar Inbhir Garadh agus Ùig, mu sheachd mìle tuath air Inbhir Garadh, timcheall air 3.50 air feasgair na Sàbaid.
Cha robh carbad eile an sàs.
Bha an rathad dùinte fad còig uairean a thìde.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh