Luchd-obrach mì-laghail

  • Air fhoillseachadh

Chuir oifigearan inimrich 16 fireannach an grèim an ceann a tuath na h-Alba.

Cha robh cead aig duine aca a bhith anns an dùthaich.

Buinidh 15 aca do Bhangladeis agus aon duine do Neapal.

Tha iad eadar 23 agus 47 bliadhna de dh'aois agus chaidh an glacadh aig taighean-bidhe ann an Arcaibh agus an Inbhir Ùige.

Gabhaidh càin de £10,000 a chur air gnìomhachasan airson gach neach-obrach mì-laghail a bhios aca.