Dà eun-creachaidh eile marbh
- Air fhoillseachadh

Tha duais de chòrr air £27,000 ann do dhuine sam bith a bheir fiosrachadh seachad a leanas gu dìteadh.
Dhearbh na poilis gun deach dà chlamhan-gobhlach eile a lorg marbh air Taobh Sear Rois.
Tha a-nis 22 eun-creachaidh air a bhith air an lorg marbh faisg air Drochaid Sguideil bhon Mhàrt - 16 clamhain-ghobhlach agus 6 clamhain.
Dhearbh deuchainnean gun deach mòran de na h-eòin a phuinnseanachadh.
Tha an t-oifigear poilis as àirde dreuchd ann an Alba, Sir Stephen House, ag ràdh gun ghabh e fhèin gnothach ris an rannsachadh gu pearsanta.
Tha duais de chòrr air £27,000 ann do dhuine sam bith a bheir fiosrachadh seachad a leanas gu dìteadh.
Thigeadh £12,000 dhen sin bho thuathanaich agus uachdarain ann an sgìre Linne Mhoireibh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An Giblean 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh