Salmond: Dheadh fàilte a chur air Alba
- Air fhoillseachadh

Bhiodh Alba neo-eisimeileach na "com-pàirtiche dealasach agus dìleas ann an adhartas Eòrpach", a rèir a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.
Aig Colaiste na h-Eòrpa ann am Bruges, thuirt Mgr Salmond gum faodadh referendum air àite na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach cunnart adhbhrachadh a thaobh àite na h-Alba san AE.
Thàinig òraid Mhgr Salmond air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain.
Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gun adhbhraicheadh còmhraidhean fa leth leis an AE gum biodh cùisean na bu mhiosa do dh'Alba.
Mhìnich am Prìomh Mhinistear na h-adhbharan air a bheil esan den bheachd a dheadh fàilte a chur air Alba san Aonadh Eòrpach.
Co-ionann
"'S e buidheann stèidhichte a th' anns an AE a leigeas le dùthchannan de gach meud cuir rithe mar phàirtichean co-ionann, agus a chuireas às do bheachdan sam bith gu bheil neo-eisimileachd a' ciallachadh aonarachd," thuirt e.
Air thoiseach air an òraid, nochd aimhreit eadar Mgr Hague agus Mgr Salmond mu bhallrachd na h-Alba san AE.
Sgrìobh Uilleam Hague gu Alig Salmond air thoiseach air òraid sa Bheilg.
Thuirt Mgr Hague: "Tha Alba a' faighinn buannachd à cho làidir 's a tha guth na Rìoghachd Aonaichte san AE".
Ach thuirt Mgr Salmond: "Bheir Alba neo-eisimeileach, mar bhall-stàit cho-ionann, guth deimhinneach, co-obrachail dhan AE, an coimeas ris na guthan doilleir, fad às a bhiodh tric a' bruidhinn às ar leth on a rinn Mairead Thatcher òraid sa bhaile seo o chionn còrr is cairteal linne air ais.
Rabhadh
"Tha gun a bhith aig a' phrìomh bhòrd san Roinn Eòrpa air cron a dhèanamh air ùidhean na h-Alba airson ceithir deicheadan. Air taobh a-staigh na RA, thèid co-chomhairle a dhèanamh leinn bho àm gu àm. Le neo-eisimeileachd, bhiodh sinn a' beachdachadh nur pàirtichean co-ionann."
Thug Mgr Hague rabhadh, ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd, gum biodh còmhraidhean "fada agus toinnte" a dhìth gus ballrachd san AE a dhearbhadh.
Na litir gu Mgr Salmond, thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin gum biodh a bhuil sin "nas mì-chothromaiche na an suidheachadh a tha ann an-dràsta".
Thuirt e: "Bu chòir dhan fhiosrachaidh air fad a bhith aig muinntir na h-Alba mus tig iad gu aon de na co-dhùnaidhean poileataigeach as cudromaiche ann an eachdraidh an aonaidh."
Mar fhreagairt, thuirt Mgr Salmond gu bheil "riaghaltas na RA air diùltadh uair is uair soilleireachadh iarraidh air a' Choimisean Eòrpach".
Dh'innis e do Mhgr Hague gu bheil esan airson "an inbhe chuideachail a dh'fhaodadh a bhith aig Alba neo-eisimeileach san Aonadh Eòrpach a dhaigneachadh".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 28 An Giblean 2014