Alba - "bàidheil do bhiobhairean"
- Air fhoillseachadh

Dh'iarradh 60% de dh'Albannaich biobhairean a thilleadh don dùthaich, a rèir chunntais-bheachd.
Tha seo a' tighinn is deuchainn còig bliadhna le biobhairean an Cnapadal an Earra-Ghàidheal gus tighinn gu crìch.
B' e còig sa cheud a bha an aghaidh nam biobhairean.
Chaidh an sgrùdadh, a dh'iarr Deuchainn Bhiobhairean na h-Alba, a dhèanamh leis a' bhuidhinn YouGov.
Nirribhidh
Chaidh biobhairean à Nirribhidh a leigeil ma sgaoil an Cnapadal ann an 2009.
Bhon uair sin, chaidh a' bhuaidh a thug iad air an àrainneachd anns an sgìre a sgrùdadh.
Tha biobhairean an Taobh Tatha cuideachd - chan eil fhios cò às a thàinig iad.
Thuirt Manaidsear Deuchainn Bhiobhairean na h-Alba, Sìm Jones, gu bheil e toilichte gu bheil uimhir de dhaoine airson biobhairean a thilleadh.
Taic
Bha e cuideachd ag ràdh: "Tha grunnan ghnìomhachasan an Earra-Ghàidheal air taic a sealltainn, agus tha iad den bheachd gu bheil barrachd luchd-turais air tadhal air an sgìre bho thòisich an deuchainn."
Ged a tha tòrr taiceil, tha tuathanaich agus uachdarain air draghan a thogail mu na biobhairean.
Thig Riaghatas na h-Alba gu co-dhùnadh mu na tha an dàn dhan bhiobhair an Alba an ath-bhlaidhna.
Fuirichidh biobhairean Chnapadail far a bheil iad gus an tig fios.