Casaid mu "bhuidheann fhuadain"

Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd Image copyright Christians for Independence
Image caption Stèidhich am BPA Nàiseantach, Dàibhidh MacThòmais, Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd bho chionn còig bliadhna.

Chaidh a chur às leth Bu Chòir Alba gun do chruthaich iad buidheann air Ghàidhealtachd airson faighinn timcheall air riaghailtean maoineachaidh.

Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd ag obair do dh'iomairt Bu Chòir, agus nach eil annta ach buidheann fhuadain.

Chaidh an duine a stèidhich a' bhuidheann às àicheadh sin.

Stèidhich am Ball-Pàrlamaid Albannach Nàiseantach, Dàibhidh MacThòmais, Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd bho chionn còig bliadhna.

Tha am fear-gnothaich Brian Souter am measg an luchd-taic aca, agus thug e £100,000 dhaibh.

Clàradh

Thuirt a' bhuidheann gu bheil dùil aca iad fhèin a chlàradh mar bhuidheann air leth bho Bu Chòir Alba, rud a leigeadh dhaibh £150,000 a chosg air iomairt an referendum.

'S e buidhnean nach eil ag obair le Bu Chòir Alba a-mhàin a dh'fhaodas còrr air £10,000 a chosg tron iomairt oifigeil a thòisicheas an ceann mìos.

Ach, tha Dàibhidh MacThòmais ag ràdh gur e buidheann air leth a th' annta, agus nach bi iad an sàs ann an tachartasan le buidhnean eile.

Thuirt e gun tèid Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd a chlàradh le Coimisean nan Taghaidhean agus gun cùm iad ris na riaghailtean aca.

Ach, bha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gum feumadh airgead a chosgadh Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd a thoirt bhon t-sùim a tha Bu Chòir ceadaichte a chosg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile