Seirbheisean ospadal là an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
UardTùs an deilbh, Science Photo Library
Fo-thiotal an deilbh,
Tha seirbheisean ospadal là ann an Inbhir Nis an-dràsta ri fhaighinn ann an Ospadal Là Iorc aig Taigh-eiridinn Rìoghail a Tuath sa bhaile.

Tha NHS na Gàidhealtachd air barantas a thoirt seachad gun tèid làn-cho-chomhairleachadh a dheànamh air atharrachaidhean a tha san amharc do sheirbheisean ospadal là ann an Inbhir Nis.

Tha seo a' tighinn agus draghan air nochdadh gu bheilear air co-dhùnaidhean a ruighinn mar-thà, an dèidh do choinneamh a bhith air a chumail le luchd-obrach an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eilear air co-dhùnaidhean sam bith a ruighinn agus gu bheilear ag amas air piseach a thoirt air an t-seirbheis.

Tha seirbheisean ospadal là ann an Inbhir Nis an-dràsta ri fhaighinn ann an Ospadal Là Iorc aig Taigh-eiridinn Rìoghail a Tuath sa bhaile.

Tha ospadail là a' solarachadh diofar sheirbheisean do dhaoine nas sine - aig an ìre seo gheibhear cùram meidigeach, leasachadh-cuirp agus leasachadh-gnìomhachd, am measg eile.

Seirbheisean

Ach, on a chaidh seirbheisean Slàinte Inbhich agus Cùram Sòisealta amaladh fo raon-dleastanais NHS na Gàidhealtachd o chionn dà bhliadhna, tha am bòrd slàinte air a bhith ag ath-bhreithneachadh mar a thathar a' lìbhrigeadh nan seirbheisean seo.

Am measg nan atharrachaidhean, thathar airson dòighean-planaidh nas fheàrr a stèidheachadh airson euslaintich a leigeil bhon ospadal chun an dachaigh, agus leasachadh a thoirt air ceanglaichean le seirbheisean cùraim-là sòisealta agus seirbheisean cùraim sòisealta eile.

An t-seachdain seo chaidh, chaidh coinneamh a chumail le cuid den luchd-obrach gus còmhradh mu dheidhinn nan adhbharan air am faodadh atharraichean a bhith a dhìth ann an sgìre Inbhir Nis, agus mu chothroman gus seirbheisean nas fheàrr a thabhann do bharrachd dhaoine.

Thuirt Manaidsear Sgìreil na buidhne, Jeanpierre Sieczkarek, gun robh a' choinneamh a chaidh a chumail leis an luchd-obrach duilich, agus gu bheil làn-cho-chomhairleachadh le euslaintich, luchd-cleachdaidh seirbheis, luchd-cùraim, buidhnean com-pàirteachais agus am poball san fharsaingeachd fhathast ri dhèanamh, ach thug e barantas gun tachradh sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh