Salmond: Dheadh fàilte a chur air Alba
- Air fhoillseachadh

Bhiodh Alba neo-eisimeileach na "com-pàirtiche dealasach agus dìleas ann an adhartas Eòrpach", a rèir a' Phrìomh Mhinisteir, Ailig Salmond.
Aig Colaiste na h-Eòrpa ann am Bruges, thuirt Mgr Salmond gum faodadh referendum air àite na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach cunnart adhbhrachadh a thaobh àite na h-Alba san AE.
Thàinig òraid Mhgr Salmond air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain.
Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, gun adhbhraicheadh còmhraidhean fa leth leis an AE gum biodh cùisean na bu mhiosa do dh'Alba.
Rinn Mgr Hague càineadh air agallamh a rinn Mgr Salmond leis an iris GQ, far an tuirt e gun robh Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, airidh air moladh airson cuid de na rudan a rinn e mar Cheann-Suidhe.
Anns an agallamh a chaidh a dhèanamh o chionn sia seachdainnean, thuirt Mgr Salmond cuideachd nach robh e ag aontachadh ri grunn rudan a tha an Ruis air a dhèanamh.
Fàilte
Bha am Prìomh Mhinistear anns a' Bheilg airson mìneachadh a thoirt air na h-adhbharan air a bheil esan den bheachd a dheadh fàilte a chur air Alba san Aonadh Eòrpach.
Thuirt e: "Tha an uiread de stòrasan nàdarra agus daonna ann an Alba a' ciallachadh gur h-i tè de chlachan-oisne an Aonaidh Eòrpaich. Tha prìomh dhreuchd againn ann a bhith a' solarachadh tèarainnteachd chumhachd dhan Roinn Eòrpa.
"Mar aon de na dùchchannan as beartaiche, tha Alba na com-pàirtiche ionmhasail san AE agus fuirichidh i mar sin mar bhall neo-eisimeileach.
"Tha barrachd phrìomh oilthighean againn, a rèir àireamh-sluaigh, na th' aig gin eile de bhuill an AE agus bidh ar n-eòlaichean a' co-obrachadh le daoine bho air feadh na Roinn Eòrpa. Tha aon de na roinnean nàiseanta as motha againn a-mach à grunnda-iasgaich iomlan na Roinn Eòrpa. Dheadh poileasaidh iasgaich an AE ma sgaoil às aonais Alba."
Rinn Mgr Salmond argamaid gu bheil "gun a bhith aig a' phrìomh bhòrd san Roinn Eòrpa air cron a dhèanamh air ùidhean na h-Alba airson ceithir deicheadan".
Thuirt e: "Bheir Alba neo-eisimeileach, mar bhall-stàit cho-ionann, guth deimhinneach, co-obrachail dhan AE, an coimeas ris na guthan doilleir, fad às a bhiodh tric a' bruidhinn às ar leth on a rinn Mairead Thatcher òraid sa bhaile seo o chionn còrr is cairteal linne air ais.
"Air taobh a-staigh na RA, thèid co-chomhairle a dhèanamh leinn bho àm gu àm. Le neo-eisimeileachd, bhiodh sinn a' beachdachadh nar pàirtichean co-ionann," thuirt e.
Rabhadh
Thug Mgr Salmond rabhadh gum faodadh Alba a bhith air "a slaodadh a-mach às an Aonadh Eòrpach" an aghaidh a toil, mura deadh bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
"Chan e an referendum air neo-eisimileachd san t-Sultain am fìor chunnart a tha mu choinneimh àite na h-Alba san AE. 'S e tha sin ach referendum a-mach/a-steach 2017."
Air thoiseach air an òraid, nochd aimhreit eadar Mgr Hague agus Mgr Salmond mu bhallrachd na h-Alba san AE.
Sgrìobh Uilleam Hague gu Alig Salmond, ag ràdh gu bheil "Alba a' faighinn buannachd à cho làidir 's a tha guth na Rìoghachd Aonaichte san AE".
Thug Mgr Hague rabhadh, ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd, gum biodh còmhraidhean "fada agus toinnte" a dhìth gus ballrachd san AE a dhearbhadh.
Na litir gu Mgr Salmond, thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine gum biodh a bhuil sin "nas mì-chothromaiche na an suidheachadh a tha ann an-dràsta".
Thuirt e: "Bu chòir dhan fhiosrachadh air fad a bhith aig muinntir na h-Alba mus tig iad gu aon de na co-dhùnaidhean poileataigeach as cudromaiche ann an eachdraidh an Aonaidh."
Càineadh
Mar fhreagairt, thuirt Mgr Salmond gu bheil "riaghaltas na RA air diùltadh uair is uair soilleireachadh iarraidh air a' Choimisean Eòrpach".
Dh'innis e do Mhgr Hague gu bheil esan airson "an inbhe chuideachail a dh'fhaodadh a bhith aig Alba neo-eisimeileach san Aonadh Eòrpach a dhaingneachadh".
A bharrachd air seasamh Mhgr Salmond air an Roinn Eòrpa a chàineadh, thuirt Mgr Hague gun do rinn am Prìomh Mhinistear "droch mhearachd a thaobh dàimh eadar-nàiseanta" le bhith a' dèanamh moladh, gu ìre, air Ceann-Suidhe na Ruis aig àm neo-fhreagrach.
Nuair a chaidh faighneachd do Mhgr Salmond an robh e a' saoilsinn mòran de Mhr Putin, tha e coltach gun tuirt e: "Ann an cuid de sheaghan. Tha e air cuid mhòr de phròis na Ruis a thilleadh, agus 's iongantach mura h-e rud math a tha sin."
Tha na beachdan sin air càineadh adhbharachadh bho fheadhainn a tha an aghaidh neo-eisimeileachd.
Chaidh càineadh làidir a dhèanamh air Mgr Salmond leis a' BhP Làbarach, Jim Murphy, 's esan ag iarraidh air a' Phrìomh Mhinistear leisgeul iarraidh airson na thuirt e mu Cheann-Suidhe na Ruis.
Thuirt Mgr Murphy, a tha na Rùnaire Dùbhlanach Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, gun robh na thuirt Mgr Salmond na chùis nàire do dh'Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 28 An Giblean 2014