BBC "a' beachdachadh" air an CBI fhàgail

  • Air fhoillseachadh
BBC
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt luchd-naidheachd bho BhBC Scotland aig coinneimh Diluain gun robh iad iomagaineach gun deadh milleadh a dhèanamh air creideas agus cothromachd a' BhBC.

Tha am BBC a' beachdachadh air tarraing a-mach à Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais ann an Alba, an CBI, an dèidh gairm bho Aonadh Nàiseanta an Luchd-naidheachd, an NUJ.

Bho chionn faisg air cola-deug, thuirt an CBI gun robhar air clàradh le Coimisean an Taghaidh mar bhuidhinn a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba; ach, tha a' bhuidheann choiteachaidh a-nis a' feuchainn ris an t-seasamh aca atharrachadh.

Bha am BBC mar-thà air innse gun leigeadh iad seachad am ballrachd rè iomairt an referendum.

Thathar a-nis ag ràdh gu bheilear a' coimhead ri am ballrachd a leigeil seachad uile gu leir, ballrachd a tha a' cosg £22,191.94 sa bhliadhna.

Cothromachd

Thuirt luchd-naidheachd bho BhBC Scotland aig coinneimh Diluain gun robh iad iomagaineach gun deadh milleadh a dhèanamh air creideas agus cothromachd a' BhBC ann an sùilean a' phobaill.

Tha an NUJ air sgrìobhadh chun a' Mhorair Hall, Ceannard a' BhBC, a' feuchainn ri bhrosnachadh gus ath-bheachdachadh air seasamh na buidhne, agus tarraing às mus tòisich an iomart oifigeil air an 30mh là den Chèitean.

Thuirt am BBC gun deadh beachdachadh air a' chùis agus gun toirear freagairt "an ceann seala".

Dh'innis a' bhuidheann chraolaidh gu bheil iad air a bhith nam ball den CBI airson "co-dhiù 10 bliadhna", a' pàigheadh £22,191.94 gach bliadhna airson ballrachd.

Tùs an deilbh, CBI
Fo-thiotal an deilbh,
Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachais fhàgail ri linn seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Dà là an dèidh dhan CBI feuchainn ris an t-seasamh aca mar bhuidheann a tha ag iomairt airson Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte atharrachadh, dh'innis Stiùiriche an CBI ann an Alba, Iain Mac a' Mhaoilein, gum bi e a' leigeil dheth a dhreuchd ro dheireadh na bliadhna.

Eas-aonta

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil ceangal eadar an eas-aonta mun referendum agus Mgr Mac a' Mhaoilein a bhith a' leigeil dheth a dhreuchd.

Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachais fhàgail ri linn seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Tha naoi oilthighean, Comann Lagha na h-Alba, Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA), Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus a' bhuidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) uile air a' bhuidhinn fhàgail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh