Cupa na Camanachd gus tòiseachadh

Cupa na Camanachd Image copyright Neil G Paterson
Image caption Tha an rathad gu ruige cuairt dheireannach Chupa na Camanachd air an 13mh den t-Sultain a' tòiseachadh Disathairne.

Tòisichidh an rathad gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne le 8 geamaichean sa chiad chuairt.

'S dòcha gur e a' Mhanachainn an aghaidh Camanachd an Òbain an geama as inntinniche.

Chuir a' Mhanachainn sgioba Earra-Ghàidheal a-mach às a' chupa an-uiridh is cha robh ach tadhal eattora san lìog bho chionn mìos ann an geama a bhuannaich sgioba an Òbain.

Gabhaidh na Sgitheanaich an rathad gu deas is iad air falbh an aghaidh Ghleann Urchaidh.

Chan eil sgioba an Eilein air call fhathast am bliadhna is bidh iad an ìre mhath dòchasach gun tèid aca air faighinn seachad air sgioba Dhàil Mhàilidh, nach eil air tòiseachadh ro mhath ann an Lìog Nàiseanta 1.

Dòchas

Tha na Sgitheanaich an dòchas gum bi Coinneach MacLeòid is Chris Rose fut gu leòr 'son cluich.

Sa Phrìomh Lìog 's e là nan dearbaidhean a th' ann is chan eil geama nas motha ann na Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich.

'S e a' cheist an seo an urrainn dhan sgioba òg aig Ceann a' Ghiuthsaich - a tha air tòiseachadh nas fheàrr san lìog na bha mòran an dùil - dad a thoirt air na nàbaidhean aca aig an Eilean.

"Chan eil sinn air dèanamh ro mhath nan aghaidh bho chionn ghoirid agus tha sinn airson sin a chur ceart," thuirt manaidsear Cheann a' Ghiuthsaich, Russell Jones.

Bidh beagan de dh'uallach air a' Bhail' Ùr iad fhèin oir bidh leisg orra tuiteam dad nas fhaide air cùlaibh Lòbhait.

Nàbaidhean

Tha Lòbhat iad fhèin a' siubhail nam beagan mhìltean tro Ghleann a' Chonfhadaich gus cluich an aghaidh nan nàbaidhean aca fhèin, Gleann Urchadain.

Bidh iad às aonais Craig Mainland, a bhrist a ghàirdean sa gheama an aghaidh Cheann Loch Seile an t-seachdain seo chaidh, ach bidh iad ann an sunnd a dh'aindeoin sin is iad air gach geama a bhuannachadh thuige seo.

Aig deas cuiridh Inbhir Aora fàilte - ged nach bi e ro chrìdheil math dh'fhaoite - air Caol Bhòid 'son na dàrna seachdain ann an sreath às dèidh dhaibh call 5-1 ri muinntir Thaigh na Bruaich ann an Cupa MhicAmhlaidh bho chionn seachdain.

Tha Inbhir Aora aig bonn na lìge an-dràsta agus 's e clach-tomhais a bhios an seo air a bheil na comasan aca tilleadh bhon bhuile sin, no a bheil seusan fada, doirbh rompa.

Bidh iad às aonais am manaidseir, Garry Mac a' Phearsain, a bhrist a làmh Disathairne seo chaidh.

Cudromach

Chan e dearbaidh a tha sa gheama eile sa Phrìomh Lìog le Loch Abar a' dol gu Ceann Loch Seile, ach tha e glè chudromach dhan dà sgioba.

Ged nach eil ach 2 phuing aig Ceann Loch Seile an-dràsta, chum iad ceann a' mhaide ri Lòbhat an t-seachdain seo chaidh sa Chupa is bidh sùil aca a-nise air sreap suas san lìog.

Chan eil Loch Abar air geama a bhuannachadh ann am farpais sam bith fhathast agus cleas Inbhir Aora, 's e geama cudromach a tha seo dhaibh 'son sealltainn gun urrainn dhaibh gluasad air falbh bho bhonn na lìge.

Ann an Lìog Tuath 3, bha bristeadh-dùil ann do Chamanachd Leòdhais a bha an dùil a' chiad gheama aca aig an taigh den t-seusan a chluich Disathairne.

Chan urrainn do Shrath Spè sgioba a chur ri chèile ge-tà, is ged a gheibh na Leòdhasaich na puingean, bidh aca ri feitheamh cola-deug 'son an ath-gheama nuair a thig Cabair Fèidh gu Siabost.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile