Oidhirp eile an aghaidh "brathadh nàbaidh"

Croitear
Image caption Fo na planaichean bhiodh dleastanas air daoine innse don Choimisean mur an robh an nàbaidhean ag obrachadh an cuid fearainn.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba cur às do phlanaichean fo am biodh uallach air croitearan innse mura h-eil na nàbaidhean aca a' dèanamh feum den fhearann.

Sgrìobh Iar-Chathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle, Dòmhnall Crichton, chun an Riaghaltais 's e ag ràdh gum fàgadh seo croitearan a' dol a-mach air a' chèile 's nach eil e ro fhadalach cur às dha.

"Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad tha sinn air oidhirp a dhèanamh toirt fa chomhair an Riaghaltais gur e rud gòrach a th' ann toirt air croitearan 's comataidhean baile a bhith ag innse dhan Riaghaltas cò a tha ag obrachadh chroitean 's cò nach eil," thuirt Mgr Crichton.

"Tha sinn a' toirt aon teansa eile dhaibh airson stad a chur air seo mus tèid plana a' Choimisein a stèidheachadh.

"Tha sinn ag iarraidh air ministearan smaoineachadh a-rithist mu dheidhinn seo, agus sgur den ghòraiche.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gur e rud math a th' ann airson coimhearsnachd sam bith, no baile sam bith far a bheil croitear gu bhith a' dol an aghaidh croiteir, 's nàbaidh an aghaidh nàbaidh, 's caraid an aghaidh caraid.

"Tha mi a' smaoineachadh, an t-seòrsa dòigh a tha iad a' cur air adhart an seo, gun tachair sin.

"Tha seo a' dol a chur daoine dheth croitearachd," thuirt e.

Mar fhreagairt air a sin thuirt Riaghaltas na h-Alba gum faodadh mar a tha daoine a' fàgail nan croitean aca bàn buaidh a thoirt air croitearachd san àm ri teachd.

Tha iad ag ràdh gur e amas nan aithrisean a tha iad a' sùileachadh, cothrom a toirt do choimhearsnachdan croitearachd dèiligeadh ri trioblaidean a tha a' toirt buaidh air an sgìre aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile