Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luathrachan Mortonhall

Thuirt an aithisg mu Luathrachan Mortonhall ann an Dùn Èideann gun robh làn-fhios aig manaidsearan an sin gun robh dust nach bu chòir air fhàgail an dèidh dhaibh dèiligeadh ri cuirp leanabain, ach gun do cho-dhùin iad gum biodh e ro throm air pàrantan sin innse dhaibh. Tha an sgrùdadh a rinn a' Bhean-Uasal Elish Angiolini, ag ràdh nach robh dòighean-obrach aig Mortonhall a rèir na bha a' tachairt aig luathrachain eile, agus tha còir is fichead moladh anns na aithisg mu rudan a dh'fheumas atharrachadh.

Farage

Thuirt Ceannard UKIP, Nigel Farage, nach bi e a' seasamh ann am fo-thaghadh Newark ann an Nottinghamshire. Tha fo-thaghadh an sin leis gun do dh'fhàg Pàdraig Mercer, a bha aig aon àm na Bhall-Pàrlamaid Tòraidheach, agus e air tighinn am follais gun robh casg a' dol air bho a bhith a' gabhail airgid airson ceistean a thogail anns na Cumantan. Thuirt Mgr Farage gu bheil e airson làn-aire a chur ri taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa air an ath-mhìos.

Dachannan Cùraim

Thuirt Àrd-Inspector Choimisein Inbhe a' Chùraim gu bheil rannsachadh a rinn am BBC a' dearbhadh gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast airson ìrean nas fheàrr. Bha Andrea Sutcliffe a' bruidhinn an dèidh dhan phrògram telebhisein aig a' BhBC, Panorama, dearbhadh fhaighinn air droch-dhìol air seann daoine aig aon de na dachannan cùraim as motha a th' anns an dùthaich - an Old Deanery ann an Essex. Chaill aon duine den luchd-obrach an sin an dreuchd, agus chaidh seachnar eile a chasg bhon obair rè ùine.

Trump

Tha dùil ri dearbhadh foirmeil an-diugh gun do cheannaich am fear-gnothaich Aimeireaganach Dòmhnall Trump ionad goilf Turnberry ann an Siorrachd Àir. 'S e Turnberry an aon raon-goilf air cearcall Open Bhreatainn a tha fo smachd prìobhaideach.

Àireamh Sluaigh

Dh'èirich àireamh sluaigh na h-Alba dhan ìre as àirde riamh gu 5,327,000 an-uiridh. Thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba gun deach an àireamh suas còrr is 14,000 air a' bhliadhna dhan Ògmhios an-uiridh.

Taigh-spadaidh

Tha oidhirp air taigh-spadaidh fhosgladh as ùr anns an Eilean Sgitheanach a' gluasad air adhart 's a' bhuidheann stiùiridh am beachd cuideigin fhastadh a nì rannsachadh agus ullachadh air a' phròiseact. Tha còrr is 20 bliadhna ann bho dhùin an taigh-spadaidh a bh' ann am Port Rìgh. Ach tha aithisg a dh'iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba an-uiridh ag ràdh gu bheil iarrtas ann airson goireas ùir, agus gun gabh e ruith air prothaid.

Tolastadh bho Thuath

Thèid oidhirp a dhèanamh an-diugh air càr a thoirt far a' chladaich ann an Tolastadh ann an Leòdhas an dèidh dhan mhuir tighinn a-steach air an-raoir. Thuirt an duine leis a bheil an Landrover gun deach na cuibhleachan fodha sa ghainmhich nuair a bha e a' feuchainn ri eathar a chur gu muir. Chaidh na seirbheisean èiginn gu lèir a-mach mu 7:00f an-raoir, an dèidh do dhaoine an càr fhaicinn anns a' mhuir, ach thàinig e am follais nach robh duine ann an cunnart.