Iomairt theasairginn an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
An Land Rover air an tràighTùs an deilbh, Iain MacÌomhair
Fo-thiotal an deilbh,
An Land Rover a bh' air bristeadh sìos air an tràigh 's a chaidh a thoirt a-mach air an làn.

Bha iomairt mhòr theasairginn ann an ceann a tuath Leòdhais an dèidh mar a chaidh Land Rover fhaicinn anns a' mhuir.

Thòisich an iomairt leis na maoir-chladaich, anns an robh heileacoptair, bàta agus sgiobannan air tìr an sàs, mu 6:00f Oidhche Mhàirt.

Chaidh an iomairt a chur dheth nuair a chaidh an duine leis a bheil an carbad a lorg slàn, sàbhailte.

Bha an Land Rover air bristeadh sìos air an tràigh agus chaidh an dràibhear a dh'fhaighinn taic.

Chaidh an carbad an uair sin a thoirt a-mach air an làn.

Tha dùil gum bi an neach leis a bheil an Land Rover ga thogail uaireigin Diciadain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh