"Feumaidh sinn bruidhinn le ar guth fhèin"
- Air fhoillseachadh

'S e sgioba làidir de Bhuill-Pàrlamaid Eòrpach bhon SNP, ann an Alba neo-eisimeileach, an dòigh as fheàrr an dùthaich a riochdachadh sa Bhruiseil, a rèir ceannard a' phàrtaidh, Ailig Salmond.
A' cur iomairt a' Phàrtaidh Nàiseantaich airson Taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa air bhog, thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gun robh prìomhachasan Westminster air Alba a' leigeil sìos.
Thuirt e gun dèanadh bhòt dhan SNP air an 22mh là den Chèitean cinnteach gum biodh ùidhean na h-Alba an còmhnaidh air an riochdachadh.
Anns an taghadh Eòrpach mu dheireadh, bhuannaich an SNP dhà a-mach às na sia seataichean a th' aig Alba sa Phàrlamaid Eòrpaich.
Tha dithis BhPE aig na Làbaraich, agus ball an urra aig na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich.
Slat-tomhais
'S e bhòt na h-ath-mhìos an tè mu dheireadh ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain.
Ann an Alba, thèid toradh an taghaidh Eòrpaich a chleachdadh mar shlat-tomhais air beachd an t-sluaigh Albannaich, air thoiseach air bhòt an t-Sultain.
A bharrachd air a bhith a' cur ris an dithis bhall a th' aca sa Phàrlamaid Eòrpaich, bidh na Nàiseantaich cuideachd airson sealltainn gu bheil iad a' dèanamh adhartais mar phàrtaidh.
A' bruidhinn aig Instituid Rannsachaidh Moredun air iomall Dhùn Èideann, thuirt Mgr Salmond gun robh Alba air buannachd fhaighinn bho mhaoineachadh Eòrpach luach nan ceudan mhìltean on bhliadhna 2007.
Prìomhachasan
Thuirt e gun robh sin a-nis ann an cunnart ri linn 's gu bheil am Prìomhaire Daibhidh Camshron air referendum mu bhallrachd san AE a thabhann ann an 2017.
"Tha Alba agus an AE air obrachadh ann an com-pàirteachas airson còrr is 40 bliadhna agus, ann an rannsachadh agus ann an stòrasan ath-nuadhachail, ann an iasgach agus ann an ola agus gas, tha Alba a' toirt a' cheart uimhir chun an AE 's a tha an AE a' toirt do dh'Alba," thuirt Mgr Salmond.
"Tha a bhith mar phàirt den AE air cuideachadh gus mìltean de dh'obraichean a chruthachadh ann an Alba - obraichean a tha fo bhagairt le clàr-gnothaich anti-Eòrpach phàrtaidhean Westminster.
"Tha prìomhachasan geàrr-sheallach Westminster air Alba a' leigeil sìos uair is uair. Feumaidh sinn cothrom bruidhinn san Roinn Eòrpa le ar guth fhèin, gus togail air na càirdeis dheimhinnte a tha Alba mar-thà air stèidheachadh le ar nàbaidhean."
Thèid iomairtean nam pàrtaidhean eile a chur air bhog san t-seachdain a tha romhainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An Giblean 2014