Obraichean airson Alanais
- Air fhoillseachadh
Cha-mhòr nach dùblaich a' chompanaidh IT Fujitsu an luchd-obrach aca an Alanais air Taobh Sear Rois.
Cuideachd, thuirt Fujitsu gum faodadh iad suas ri 60 duine, neo 's math a dh'fhaoidte barrachd, fhastadh anns na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.
Tha 25 duine ag obair aig an ionad sheirbheisean aca, agus bidh iad a' dèiligeadh ri 11,000 gairm fòn gach mìos.
Chan fhada gus an gluais iad gu togalach eile, far an tòisich 20 neach-obrach eile.
Thuirt fear de stiùirichean Fujitsu, Jim Brophy, gu bheil iad airson leudachadh an Alanais air sgàth an luchd-obrach a gheibh iad anns an sgìre.
Bha e cuideachd ag ràdh gur e obraichean maireannach a bhios annta.