Deasbad "nas fheàrr" a dhìth
- Air fhoillseachadh

Tha a' mhòr-chuid de bhuill de Sheòmraichean Malairt na h-Alba a' smaoineachadh gu bheil an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air a bhith truagh, agus nach eil am fiosrachadh bho thaobh seach taobh air a bhith ro fheumail.
Ghabh 759 buidhnean a tha nam buill de Sheòmraichean Malart na h-Alba pàirt anns an sgrùdadh.
Thuirt còrr air an dàrna cuid gun robh an deasbad air a bhith "truagh" no "uabhasach".
B' e airgead, cìsean agus reitichean gnothaich na cuspairean a bu chudromaiche do ghnìomhachasan.
Thuirt faisg air a' chòigeamh cuid aca gun smaoinicheadh iad mu Alba fhàgail nam bhòtadh an dùthaich airson neo-eisimeileachd.
Chaidh an rannsachadh, a dh'iarr Seòmraichean Malairt na h-Alba, a dhèanamh le Comhairle an Rannsachaidh Eaconamaich agus Shòisealta.
Truagh
Bha 56% ag ràdh gun robh an deasbad mu neo-eisimeileachd "truagh" neo "uabhasach".
Thuirt 41% gun robh e "math" no "meadhanach math" agus bha 5% den bheachd gun robh e "math dha-rìribh".
Cha tuirt duine gun robh e "sònraichte math".
Am measg nam prìomh bheachdan:
- Thuirt 18% gun smaoinicheadh iad mu Alba fhàgail nam biodh i neo-eisimeileach
- Chunnaic 53% de ghnìomhachas buannachdan ann an neo-eisimeileachd, le 77% a' faicinn chunnartan
- Dh'iarradh 62% gun cumadh Alba neo-eisimeileach an Not agus aonta-airgid leis a' chòrr den RA
- Chuireadh 68% fàilte air tuilleadh chumhachdan do Holyrood nam bhòtadh Alba an aghaidh neo-eisimeileachd
Bha na buidhnean a' faireachdainn gun robh am fiosrachadh a th' air a bhith a' tighinn bhon fheadhainn a tha a' strì airson neo-eisimeileachd na b' fheumail na am fiosrachadh a dh'fhoillsich luchd-iomairt airson an Aonaidh.
Feumail
Thuirt 36% gun robh fiosrachadh Riaghaltas na h-Alba "feumail" no "gu math feumail", le 40% ag ràdh gun robh am fiosrachadh aig Bu Chòir Alba "feumail" no "gu math feumail".
B' e 16% a thuirt an aon rud mu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, le 19% ag ràdh gun robh am fiosrachadh aig Nas Fheàrr Còmhla "feumail" no "gu math feumail".
Thuirt Àrd-Stiùiriche Seòmraichean Malairt na h-Alba, Liz Chamshron, gum feum freagairtean nas fheàrr a thighinn bho gach taobh den argamaid.