Là Twitter na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

'S e Diardaoin a' 1mh là den Chèitean Là Twitter na Gàidhlig.
Tha an fheadhainn a th' air cùl na h-iomairt airson 's gun cleachd daoine an cànan anns na meadhanan-sòisealta airson là, agus #Gàidhlig a chur air na "tweets" aca.
Tha leithid de dh'iomairtean air tachairt mar-thà gus aire dhaoine a tharraing gu mion-chànanan eile, leithid Gaeilge agus Frìoslannais.
Tha buidhnean mar an SFA, Comhairle Bhaile Ghlaschu agus Comhairle nan Eilean Siar gus a bhith an sàs ann an Là Twitter na Gàidhlig.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi iad a' 'tweetadh' teachdaireachd sam bith sa Ghàidhlig Diardaoin gus sealltainn taic leantainneach don chànan.
Àrd-ùrlar
Tha còrr air 200m cunntas air Twitter, ach a rèir rannsachaidh bho Indigenous Tweets, cha bhi ach mu 700 duine a' cleachadh na Gàidhlig.
Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air an iomairt.
Bha Steven MacÌomhair bhon bhuidhinn ag ràdh gu bheil e "uabhasach math àrd-urlar a thoirt dhan Ghàidhlig anns na meadhanan sòisealta."
Thuirt an duine a stèidhich Là Twitter na Gàidhlig, Jamie Wallace: "Tha sinn a' feuchainn ri #Gàidhlig a "threndadh" tron là agus tha sin gu math doirbh a dhèanamh, ach sin an t-amas."
Agus, chaidh an t-amas a choilioneadh, oir a rèir na làraich Trendmap, tha a' Ghàidhlig air a bhith a' trendadh mar-thà ann an cuid de bhailtean Albannach agus ann am Florida anns na Stàitean Aonaichte.