CBI far na liosta
- Air fhoillseachadh

Chuir Coimisean an Taghaidh às de chlàradh Chaidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais, an CBI, mar bhuidheann a bhiodh ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd.
Bheireadh an clàradh cothrom dhaibh suas ri £150,000 a chosg air iomairt an referendum.
Thuirt an coimisean gun coinnich iad ris an CBI airson riaghailtean na h-iomairt a mhìneachadh.
Tha an CBI ag ràdh gu bheil iad fhathast neo-eisimeileach nuair a thig e gu poileataigs.
Fhuair an coimisean tairgse bhon CBI anns a' Ghiblean, ag iarraidh a bhith air an clàradh gu h-oifigeil mar bhuidheann a tha an aghaidh neo-eisimeileachd.
Buil a' cho-dhùnaidh
Dh'fhàg cuid de bhuidhnean an CBI nuair a thàinig an naidheachd a-mach, nam measg: a' mhòr chuid de dh'oilthighean na h-Alba, grunnan chuangothan, Comann Lagha na h-Alba, agus na gnìomhachasan Aquamarine Power agus Balhousie Care Group.
Dh'fhàg an craoladair STV an CBI, ach thuirt ITV gun cumadh iad am ballrachd.
Roghnaich am BBC am ballrachd a leigeil seachad fhad 's a tha iomairt oifigeil an referendum ann, bhon 30mh là den Chèitean chun 18mh là den t-Sultain.
"Mearachd onarach"
Tha an CBI air cantainn gur e "mearachd onarach" a bh' anns a' cho-dhùnadh clàradh agus nach robh ùghdarras aig an neach a shoidhnig an tairgse a leithid a dhèanamh.
Diardaoin, ghabh Coimisean an Taghaidh ris an sin.
Thuirt an coimisean gur e "an aon adhbhar" a bh' aca an CBI a thoirt bhon chlàr - bho nach robh ùghdarras aig an neach a shoighnig an tairgse.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An Giblean 2014
- 24 An Giblean 2014