Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ann Maguire

Chaidh gille a tha 15 bliadhna de dh'aois mu choinneimh cùirt òigridh Leeds an-diugh far an deach a chumail an grèim agus a chur fo chasaid gur e a mhuirt Ann Maguire, tidsear aig colaiste Chaitligeach Corpus Christi ann an Leeds. Chaidh ionnsaigh le sgithinn a thoirt air an tidsear, a bha 61, aig toiseach na seachdain seo.

Gerry Adams

Tha ceannard Sinn Féin, Gerry Adams, an grèim aig Poilis Èireann a Tuath, a tha ga cheasnachadh mu murt Jean McConville bho chionn còrr is 40 bliadhna. Mhuirt an IRA a' bhanntrach McConville, aig an robh deichnear chloinne ann an 1972, agus iad a' fàgail oirre gun robh i a' toirt fiosrachaidh dha na seirbheisean tèarainnteachd. Tha Gerry Adams air a bhith a' dol às àicheadh riamh gun robh gnothach sam bith aigesan ris a' mhurt.

Luathrachan Mortonhall

Thuirt Ministear Slàinte Phoblaich na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, gum feum gluasad air molaidhean na h-aithisg air an dubh-chàineadh air an dòigh san robh Luathrachan Mortonhall ann an Dùn Èideann a' dèiligeadh ri dust leanabain. Tha pàrantan, dhan deach innse nach robh dust air fhàgail, ag ràdh gum feum rannsachadh eurorra tòiseachadh às ùr.

Griod nan Eilean Siar

Tha beachd ann gun gabhadh mòran a bharrachd dealain bho chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar a chleachdadh anns na h-Eileanan fhèin, gus an tèid càball a chur gu Tìr Mòr. Thuirt Arnie Vogler bho bhuidhinn rannsachaidh chumhachd na mara aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun cleachdadh na h-Eileanan 50 Megawatt gun feum air dad a chur gu Tìr Mòr. Tha Scottish Hydro Transmission ag ràdh gum bi dà bhliadhna eile ann air a' char as tràithe mus tèid tòiseachadh air càball a chur an sàs, ged a chuala co-labhairt ann an Steòrnabhagh gum faodadh Riaghaltas na h-Alba, nan togradh iad, cùisean a ghluasad air adhart an-dràsta fhèin.

Ailig Salmond

Chuir na ceannardan dùbhlanach ann am Pàrlamaid na h-Alba litir gu Ugràinianaich a tha a' fuireach an Alba, a' cur astar eadar iad fhèin agus an t-seòrsa molaidh a rinn am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond air Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin. Thuirt litir nan Tòraidhean, nan Làbarach agus nan Libearalach Deamocratach, gun do rinn Mgr Salmond droch mhearachd. Thuirt Mgr Salmond gur e briathran cothromach a bh' aige.