Airidh air moladh?
- Air fhoillseachadh
- comments
Salmond a' diùtadh leisgeul iarraidh
Mar as trice tha taic nam ball nàiseantach airson Ailig Salmond gu math follaiseach.
Ach, aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh, bha iad nas sàmhaiche nan àbhaist.
Fiù 's a-measg buill a' chaibineit bha Mgr Salmond a' coimhead car aonaranach.
Bha e soilleir gu leòr nach robh iad idir air an dòigh mu chuspair nan ceistean a thogadh leis na ceannardan dùbhlanach uile.
Bha ainm Mhgr Salmond air còmhdach na h-irise GQ an-diugh.
Ach b' e na thuirt e na bhroinn mu Vladimir Putin a chur an tàmailt air daoine.
Nàire
Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh "cuid de rudan" mun cheannard Ruiseanach airidh air moladh.
Am beachd Johann Lamont 's e adhbhar nàire a bha sin agus dh'iarr i air leisgeul a thoirt seachad.
Cha tug.
Mhìnich do cheannard nan Làbarach Mgr Salmond gun robh e a-mach air Gèamaichean Oileampaigeach a' Gheamhraidh a bha air moit a thoirt air ais do muinntir na Ruis.
A bharrachd air sin, thuirt Mgr Salmond gun robh an riaghaltas aige air draghan mu chòirichean daonna a thogail le Consul na Ruis ann an Dùn Èideann.
Cha robh sin gu leòr don fheadhainn a bha ga cheasnachadh.
Mì-rùn
Thuirt ceannard nan Tòraidhean, Ruth Davidson gun robh e gu tur ceàrr gun d'rinn am prìomh mhinistear an t-agallamh le Alasdair Caimbeul nuair a bha feachdan na Ruis a' cruinneachadh air a' chrìch leis an Ugràin.
Dh'aidich Willie Rennie airson nan Lib Deamach nach robh mì-rùn aig Mgr Salmond an aghaidh dhaoine gèidh air neo gun robh e taiceil ron riaghaltas ann an Siria - ach nach do thuig e gun do dh'ìslich e e fhèin nuair a mhol e daoine mar sin.
Ach a-rithist, cha do ghabh am prìomh mhinistear ri sin.
Agus, chuir e as leth nam pàrtaidhean uile gun robh iad air a' cheist a thogail air sgàth adhbharan poileataigeach.
Tha Mgr Salmond a' cumail a-mach gu bheil na dùbhlanaich a' fiaradh nam briathran aige.
Ach an seo aig Holyrood tha cuid a' faighneachd an robh e idir ciallach na beachdan seo a thoirt seachad anns a' chiad dol a-mach.