Iomairt Eòrpach nan Làbarach

Cuiridh am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba an iomairt aca airson Taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa air bhog Dihaoine.

Tha iad ag amas air tuilleadh obraichean a chruthachadh do dhaoine òga, cuir às do chùmhnantan obrach gun uairean stèidhichte, agus smachd fhaighinn air bònusan nam bancairean.

'S e a' bhòt aig deireadh na mìos seo an tè mu dheireadh ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain.

Anns an taghadh Eòrpach mu dheireadh, bhuannaich na Làbaraich dhà a-mach às na sia seataichean a th' aig Alba sa Phàrlamaid Eòrpaich.

Tha dithis BhPE aig an SNP, agus ball an urra aig na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich.

Buannachdan

Ach, tha am pàrtaidh an dòchas gum bi ball Eòrpach eile aca an dèidh nan taghaidhean air a' mhìos seo.

Tha na Làbaraich a' cumail a-mach gur iadsan an aon fheadhainn a gheibh na buananchdan as fheàrr às an Roinn Eòrpa.

Thuirt iad nach bi an aire air co-dhiù am bu chòir an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Thuirt am BPE, Daibhidh Màrtainn, gu bheil a h-uile cothrom aca soirbheachadh sna taghaidhean air an 22mh là den Chèitean.

Ge bith ciamar a thèid an bhòt ge-tà, thuirt e nach bi e na chomharra air ciamar a thèid bhòt na referendum san t-Sultain.

Thèid iomairtean nam pàrtaidhean eile a chur air bhog san t-seachdain a tha romhainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile