Taighean ùra san amharc aig HHP
- Air fhoillseachadh

Thèid planaichean ullachadh airson còrr is 100 dachaigh ùr a thogail anns na h-Eileanan an Iar, 's Buidheann Taigheadais Innse Gall air trì pìosan fearainn ùra a ghabhail os làimhe.
Leigeadh seo leotha, tha iad an dòchas, a bhith a' togail thaighean ùra anns na h-Eileanan airson suas ri 10 bliadhna eile.
Tha a' bhuidheann a' coimhead ri còrr is 100 taigh ùr a thogail às dèidh 2018, ged a dh'fheumas iad an t-airgead a lorg airson sin fhathast.
Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) an-dràsta a' togail 50 taigh ùr, eadar Steòrnabhagh agus Barraigh, a bhios deiseil ann an ceithir bliadhna eile.
Togail
Ach tha iad a-nis a' coimhead seachad air an sin agus iad air fearann a cheannach a bheir dhaibh an cothrom còrr is 100 dachaigh ùr eile a chruthachadh.
Thuirt Iain MacÌomhair, bho HHP, gun robhar air talamh a cheannach mu thimcheall air Steòrnabhagh agus anns an Hearadh, talamh a thathar an dòchas a chumas a' bhuidheann a' togail airson bliadhnaichean ri thighinn.
Thuirt e gun tèid cuir ris an sgeama a th' aca an-dràsta ann an Ceann nam Buailtean ann an Steòrnabhagh, 's gun tèid 70 a thogail aig tac Chnoc nan Gobhar.
A thuilleadh air an sin, thèid sia taighean ùra a thogail ann an Horgabost anns na Hearadh, le taic bhon Urras.
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheilear cuideachd a' lorg pìosan talmhainn ann an àiteachan eile taobh a-muigh Steòrnabhagh.
Airgead
Chosgadh na tha seo mu £6.5m, le dùil gun tig a' mhòr-chuid den t-airgead bho Riaghaltas na h-Alba, a bha gu mòr air cùlaibh an fhearann a cheannach sa chiad dol a-mach.
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil planaichean agus airgead aig a' bhuidheann suas gu 2018, 's gu bheilear air tòiseachadh air planaichean a dhealbh airson na bliadhnaichean an dèidh sin.
Leis gu bheil a' bhuidheann a' coimhead ri còrr is 100 taigh ùr a thogail às dèidh 2018, feumar an t-airgead a lorg airson sin a dhèanamh.
"Thathas a' bruidhinn ris an Riaghaltas agus ris a' Chomhairle mu phlanaichean seachad air an sin.
"Tha an sluagh anns na h-Eileanan a' dol an-àirde … tha feum air barrachd thaighean an-dràsta. Mura biodh feum air na taighean, cha thogadh sinn iad," thuirt Mgr MacÌomhair.
Iarrtas
Ged nach eil uimhir de dhaoine 's a bha aig aon àm a' feitheamh ri dachaigh anns na h-Eileanan an Iar, tha obair ri dhèanamh fhathast.
Sin a rèir a' Chomhairliche, Tormod MacLeòid, a tha na bhall de bhòrd-stiùiridh HHP.
Leis gu bheil an àireamh de dhaoine òga a tha a' lorg taighean air mhàl sna h-Eileanan ag èirigh, thathar a' sùileachadh gun toir pròiseact dhen t-seòrsa seo buannachd mhòr dhan eaconamaidh ionadail.
"Tha sinn a' faicinn mar a tha an òigridh ag èirigh an-diugh, tha daoine ag iarraidh dachaighean a bhith aca dhaibh pèin.
"Mura bithear a' togail thaighean cha bhi obraichean ann, agus mura bi obraichean ann cha bhi daoine anns na h-Eileanan," thuirt Mgr MacLeòid.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 Am Faoilleach 2014