Muinntir na Pàirce ag iarraidh na h-oighreachd

Oighreachd na Pàirce
Image caption Bhòt muinntir na Pàirce ann an Leòdhas airson an oighreachd a cheannach.

Bhòt muinntir Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas - còrr is a dhà gu h-aon - airson an oighreachd a cheannach.

Bha 166 air a shon agus 77 na aghaidh, le 62.7% den t-sluagh a' bhòtadh.

'S e ceum cudromach a tha seo, a leigeas le luchd-lagha air gach taobh pàipearan a chur air dòigh airson an oighreachd a chur ann an làmhan an t-sluaigh air prìs de £500,000.

Thuirt Cathraiche Urras Oighreachd na Pàirce, Aonghas McDowall, gun robh e air a dhòigh, às dèidh 10 bliadhna de shabaid gus faighinn chun na h-ìre seo.

Tha trì bliadhna bho chaidh a' chiad tagradh a dhèanamh gus sealbh fhaighinn air an oighreachd an aghaidh toil an uachdarain fo laghan ùra fearainn.

Chaidh aonta a ruighinn eadar an dà thaobh mu dheireadh, às dèidh dhan uachdaran Barry Lomas, a dhol gu cùirt gus stad a chur air a' choimhearsnachd an talamh fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile