Piseach a' tighinn air dachaigh chùraim
- Published
Thuirt Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad ag obair còmhla ris a' chompanaidh a tha a' ruith dachaigh chùraim anns an Eilean Dubh, feuch piseach a thoirt air.
Chaidh òrdachadh air RDS Healthcare sguir a bhith a' gabhail tuilleadh luchd-còmhnaidh aig dachaigh chùraim Marine House, ann an Ròs Mhaircnidh, far an deach aire Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim a thoirt do ghrunn fhailleachaidhean.
Dh'ullaich a' bhuidheann aithisg air an dachaigh chùraim an dèidh dhaibh tadhail air gun innse ro làimh san t-Samhain an-uiridh.
Thuirt an aithisg gun robh dòigh measaidh cheart a dhìth airson aithneachadh co-dhiù am biodh luchd-còmhnaidh ag ithe 's ag òl gu ceart.
Thuirt i cuideachd gum feumte dèanamh cinnteach gun robh cungaidhean-leighis gan toirt seachad gu ceart.
Chaidh innse do RDS Healthcare cuideachd gum feumadh gu leòr de luchd-obrach aig a bheil teisteanasan a bhith ag obair fad na h-ùine.
Thuirt Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad air ceann-là a shìneadh airson nan leasachaidhean air fad, seach gu bheil iad air fianais fhaicinn gu bheil piseach a' tighinn ann an cuid de na cuspairean a thog iad.
Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil feum air tuilleadh a dhèanamh fhathast.
Thèid sgrùdaidhean a bharrachd a dhèanamh air an dachaigh chùraim sna mìosan a tha a' tighinn.