Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gerry Adams

Tha e an-urra a-niste ri luchd-casaid ann an Èirinn a Tuath an tèid cùis-lagha a thogail an aghaidh Gerry Adams co-cheangailte ri murt Jean McConville leis an IRA ann an 1972. Chaidh ceannard Sinn Féin a shaoradh gun chasaid an-raoir. Tha e a' dol às àicheadh gun robh gnothach aige ris a' mhurt agus gun robh e riamh na bhall den IRA.

Na Lib-Deamaich

Tha na Lib-Deamaich a' foillseachadh am manifesto an-diugh airson nan taghaidhean Eòrpach air an 22mh là den mhìos. Canaidh na Lib-Deamaich an Alba gur e bhòt dhaibhsan an aon dòigh air Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte, agus an Rìoghachd Aonaichte a chumail anns an Aonadh Eòrpach.

Ola is Gas

Chaidh luach £10bn de dh'ola agus gas na h-Alba a reic ri dùthchannan eile an-uiridh. Tha na h-àireamhan ùra bho Iomairt na h-Alba ag ràdh gu bheil sin 22% suas air a' bhliadhna ron a sin. Tha còrr is leth a-niste de thoradh gas agus ola na h-Alba ga reic ris a' mhargaidh eadar-nàiseanta.

An Ugràin

Tha luchd-casaid anns an Ugràin ag ràdh nach eil na Poilis a' dèanamh an dleastanais, agus na Poilis an sin air còrr is 60 duine a shaoradh a bha an grèim an dèidh àimhreit ann an Odessa Dihaoine. Thuirt luchd-casaid nach tug iad cead dha na Poilis na daoine sin a shaoradh. Tha cùisean ann an Odessa fhathast gu math cugallach an dèidh teine ann an togalach anns an deach còrr is 40 duine a mharbhadh.

An Rèile Fo Thalamh

Thug an t-seirbheis rèiteachaidh, ACAS, fiachadh dhan dà thaobh gu còmhraidhean an-diugh, agus stailc eile ri tòiseachadh air an rèile fo thalamh ann an Lunnainn a-nochd. Tha an stailc airson trì là ri tòiseachadh aig 9:00f a-nochd, agus an t-aonadh an RMT, a' gearain mu dhùnadh oifisean ticead, agus call-cosnaidh.

Elena Baltacha

Tha boireannaich a ghlèidh tìotal Wimbledon, Billy-Jean King, Chrissie Evert agus Lindsay Davenport am measg na rinn luaidh an-diugh air a' chluicheadair tennis Albannach Elena Baltacha, a bh' aig àireamh a h-aon ann am Breatainn aig aon àm. Chaochaill ise an-dè. Cha robh i ach 30 bliadhna de dh'aois, agus bha i air a bhith a' fulang le aillse bho chionn beagan mhìosan.