Taisbeanadh eadar-gnìomhach Hiort fosgailte
- Air fhoillseachadh

Dh'fhosgail taisbeanadh ùr mu Hiort aig Taigh Chearsabhagh ann Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath.
Gheibh daoine cothrom cuairt a thoirt air Hiort mar a bha an t-eilean deireadh na 19mh Linn, 's e air ath-chruthachadh ann an riochd didseatach 3D.
Tha an taisbeanadh ag innse sgeul an eilein bho chaidh an t-eilean a chruthachadh, gu mar a chaidh fhàgail ann an 1930, agus air adhart gu an-diugh.
Bheirear sùil air lusan agus ainmhidhean sònraichte Hiort, a thuilleadh air beatha sa mhuir, cultar nan daoine, agus stèidheachadh ionad an airm.
Chaidh an taisbeanadh 3D a chruthachadh le sgioba às Oilthigh Chille Rìmhinn.
Am measg na chluinnear air an taisbeanadh sin, tha criomagan còmhraidh a chaidh a chlàradh le Hiortach, a thuilleadh air clàraidhean de dh'òrain agus sgeulachdan a rinn sgoilearan Sgoil Chàirinis agus Sgoil Loch nam Madadh.
"Dhaibhsan nach fhaigh air tadhail air Hiort fhèin, bheir an taisbeanadh seo mìneachadh air mar a bha beatha mhuinntir an eilein, mar a tha i an-diugh, agus eachdraidh nàdarra nan eileanan, gun a bhith a' cur cas san eilean fhèin" thuirt Manaidsear Hiort do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, Susan Nic Ille Bhàin.
'S e Hiort an aon Làrach Dhualchais na Cruinne ann am Breatainn a th' air a chomharrachadh an dà chuid airson nàdair agus cultair.
Tha i na laighe 41 mìle an iar air Beinn nam Fadhla.
Bidh an taisbeanadh 3D fosgailte gu deireadh an Iuchair, leis an còrr den taisbeanadh a' leantainn gu ruige deireadh na bliadhna.