Uilleam Rennie: a bheil sibh ann no às?
- Air fhoillseachadh

'S fhiach sabaid airson àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte agus san Aonadh Eòrpach, a rèir ceannard Albannach nan Libearalach Dheamocratach, Uilleam Rennie.
Nochd e a bheachdan agus am pàrtaidh a' foillseachadh na h-iomairt aca airson nan taghaidhean Eòrpach.
Thuirt Mgr Rennie gu bheil a' bhòt air an 22mh là den Chèitean a' crochadh air "aon cheist shìmplidh. A bheil thu ann no a bheil thu às?"
Thuirt na Lib-Deamaich ann an Alba, aig a bheil aon BhPE, gu bheil a bhith mar phàirt den RA agus an AE a' cuideachadh gus obraichean agus fàs a bhrosnachadh.
Choinnich Mgr Rennie, cuide ri Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, agus fear de thagraichean a' phàrtaidh, Seòras Lyon, ri luchd-obrach aig taigh-staile ann an Dùn Èideann.
Sabaid
Thuirt iad nan deadh ceanglaichean leis an RA a ghearradh, no nan deadh coiseachd air falbh bhon AE, gum bithear "a' cluiche leis an eaconamaidh 's a' cur cùlaibh ris na cumhaichean ballrachd sònraichte a tha Alba a' co-roinn mar phàirt den RA".
Thuirt ceannard Albannach a' phàrtaidh: "Tha na Libearalaich Dheamocratach airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den RA agus anns an AE oir tha sin a' ciallachadh gum b' urrainnear rudan leithid an Not a chumail agus na 330,000 obraichean Albannach, dha bheil an AE a' toirt taic, a chumail.
"'S e rudan mòra a tha sin agus 's fhiach sabaid air an son.
"Tha an teachdaireachd a th' againn dhan luchd-bhòtaidh soilleir. Ma tha thu airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte, anns an Aonadh Eòrpach agus ann an obair, feumaidh tu taic a thoirt dha Seòras Lyon agus na Libearalaich Dheamocratach sna taghaidhean a tha seo."
Thèid iomairtean nan Tòraidhean, nan Uaineach agus UKIP a chur air bhog san t-seachdain a tha romhainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 5 An Cèitean 2014
- 28 Am Màrt 2014