Ailig Salmond
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt Eòrpach nan Nàiseantach

6 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S e sgioba làidir de Bhuill-Phàrlamaid Eòrpach bhon SNP, ann an Alba neo-eisimeileach, an dòigh as fheàrr an dùthaich a riochdachadh sa Bhruiseil, a rèir cheannaird a' phàrtaidh, Ailig Salmond.

Bha Mgr Salmond a' bruidhinn 's e a' foillseachadh iomairt a' Phàrtaidh Nàiseantaich airson Taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa, a thèid a chumail an 22mh là den Chèitean.

Ann an Alba, tha a' bhòt ga faicinn mar shlat-tomhais air staid an deasbaid mu neo-eisimeileachd, mar a tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher, ag aithris.