Iomairt Eòrpach nan Tòraidhean Albannach

  • Air fhoillseachadh
Rut DavidsonTùs an deilbh, Scottish Parliament
Fo-thiotal an deilbh,
Cuiridh Rut Davidson cuideam air gealladh a' phàrtaidh referendum air ballrachd na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach a chumail ann an 2017.

Cuiridh pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba an iomairt aca air bhog Dimàirt airson nan taghaidhean Eòrpach.

Tha dùil gun tòir ceannard a' phàrtaidh, Rut Davidson, slaic air pàrtaidhean poilitigeach eile, 's i den bheachd gu bheil cus eagail orra cruth-atharrachadh a thoirt air an Aonadh Eòrpach.

Canaidh Ms Davidson gur e bhòt dha na Tòraidhean ann an Alba a bheir taic do dh'ath-leasachadh san Roinn Eòrpa.

Cuiridh i cuideam air gealladh a' phàrtaidh referendum air ballrachd na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach a chumail ann an 2017, ma bhios iad fhathast ann an cumhachd aig Westminster.

Thèid cuideachd daingneachadh cho mòr 's a tha na Tòraidhean an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba, 's iad a' nochdadh air pàipearan-baileat mar "Tòraidhean na h-Alba - An aghaidh neo-eisimeileachd".

Cuiridh Ms Davidson an iomairt aca air bhog cuide ris an tagraiche, an Dr Iain MacDhonnchaidh, aig Dynamic Earth ann an Dùn Èideann.

Tha aona BhPE aig na Tòraidhean an-dràsta, Struan Stevenson, ach cha bhi esan a' seasamh sna taghaidhean a thèid a chumail air an 22mh là den Chèitean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh