Tòraidhean "a' toirt fa-near do mhuinntir na h-Alba"

  • Air fhoillseachadh
Rut DavidsonTùs an deilbh, Scottish Parliament
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir Ms Davidson às leth nan Làbarach 's nan Nàiseantach gu bheil cus eagail orra dèiligeadh ri ath-leasachadh Eòrpach.

Chuir pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba an iomairt aca air bhog airson nan taghaidhean Eòrpach, a' daingneachadh taic a' phàrtaidh airson referendum air ballrachd na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh, Rut Davidson, gur e bhòt dha na Tòraidhean ann an Alba a bheir taic do dh'ath-leasachadh san Roinn Eòrpa.

Chuir Ms Davidson às leth nan Làbarach 's nan Nàiseantach gu bheil cus eagail orra dèiligeadh ri ath-leasachadh Eòrpach.

Tha na Tòraidhean a' gealltainn referendum air ballrachd na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach a chumail ann an 2017, ma bhios iad fhathast ann an cumhachd aig Westminster.

A' cur iomairt a' phàrtaidh air bhog, thuirt Ms Davidson gur iad na Tòraidhean Albannach an aon phàrtaidh a tha a' toirt fa-near do bheachdan mhuinntir na h-Alba.

Fianais

"Tha fianais air sealltainn gu bheil cha-mhòr 60% de dh'Albannaich ag iarraidh referendum. 'S e sin an dearbh rud a lìbhrigeas pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, taobh a-staigh na RA.

"Mar phàirt den RA, dh'fhaodadh Alba a bhith na pàirt de chùmhnant ùr a dh'ath-bheothaicheas ar càirdeas leis an Roinn Eòrpa," thuirt i.

Thuirt Ms Davidson gu bheil an SNP agus na Làbaraich a' diùltadh iarrtasan an luchd-taic aca a thaobh ath-leasachaidh Eòrpaich.

Thuirt i gu bheil ise ag iarraidh gum fuirich Alba agus an RA anns an Aonadh Eòrpach, ach gu bheil e feumach air ath-leasachadh.

Thuirt i: "Le bhith a' seachnadh an dùbhlain sin - mar a tha an dà chuid an SNP agus na Làbaraich a' dèanamh - thathas a' leigeil seachad iarrtasan an luchd-bhòtaidh, 's tha sin a' ciallachadh nach tèid na h-atharrachaidhean a leigeadh leis an Roinn Eòrpa soirbheachadh a dhèanamh."

Dh'innis Ms Davidson gun nochd am pàrtaidh, a choisinn aon seat air na taghaidhean Eòrpach mu dheireadh, air na pàipearan-baileat mar: "Tòraidhean na h-Alba - An aghaidh neo-eisimeileachd".

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh